Skip to main content

‹‹‹ prev (214)

(216) next ›››

(215)
GHAIDJIEALACU. 195
'S iomadli srutlian mear mu d' gliuaillean,
Lachannaich, dà thaobh Choir-uanain,
Griogaraich nan lann bho 'n Euadh-shruth,
D' am bu dual an ruaig a leanailt.
Hùgaibh, etc.
INIeur is fòghlumt' air cur grèis thu,
Beul is binne, 's gi-inne leughas,
'Stu mar smeòrach anns a' chèitein
'Gabhail bheus air gheugan barraich.
Hùgaibh, etc.
Moire 's i mo ghaol an rìbhinn !
Cas is deise 'thèid roimh'n ruidhle.
Ìslaì-A chaol mar it' an fhior-eoin,
Deud geal ìbhri, dionach, daingean.
Hùgaibh, etc.
So mo litir 's giùlan bhuam i
Chum na ribhinn thug mi luaigh dhi,
'S innis dhi nach toir mi fuath dhi,
Gus an dean an uaigh mo sgarradh.
Hugaibh, etc.
*S iomadh latha chaidh mi 'n cheàrdaich,
'S mi 'n dùil gu 'n deanainn do thàhxdh,
'S bho 'n thug d' atliair aghaidh-nàir' dhomh,
Bidh mi 'f àgail agad beannachd.
Hìigaibh, etc.
MOLADH NAN LAOCH GAIDHEALACH.
Le Cailein Caimbeul.
Seisd : — Ho gur coma leam a' bhrigis,
Gur-a liobasda fo m' shàil i;
'S mòr a b' amis' an t-èile cxTaiche
Dhol a shealg feadh chruach a's àrd-bheann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence