Skip to main content

‹‹‹ prev (213)

(215) next ›››

(214)
194 ORAIN
'S ma rinn iad tliu mhealladli
Ann an gradaig bhuam fhèin,
Leigidh mi mo chiad beannachd
Gach aon là às do dhèigh.
NIGHEAN DOISTN NAM MEALL-SHUIL.
Hùgaibh air nigh'n donn nam meall-shuil,
'S trom mo cheum an dèigh mo leannain;
Hùgaibh air nigh'n donn nam meall-shuil !
Mo nighean donn nam mahi caola,
'S misde mi na thug mi 'ghaol dhuit ;
Cha d' f huair mi dhuit cron no aobhar,
Ach cho aomach 's bha do ghealladh,
Hùgaibh, etc.
'S mo nighean donn nam meall-shùil^blàtha,
'S misde mi na thug mi 'ghràdh dhuit;
Leam nach b' aithreach suidhe làmh riut;
Thug thu dhomh do làmh 's do ghealladh.
Hùgaibh, etc.
Gur a lionmhor mais a' fàs ort,
Bho mhullach do chinn gu d' shàiltean;
Leis gach beus cha lèir dhomh d' fhàillinn;
Thug thvi bàrr air càchle ceanail.
Hùgaibh, etc.
Do phears' aotrom, aoidheil, sunndach,
Fonnmhor, gun bhi trom air^ùrlar,
Seang-chorp fallan, gun bhi dùmhail,
Cho math 's gu 'n tig gùnn bho 'n cheannach.
Hùfjaibh, etc;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence