Skip to main content

‹‹‹ prev (205)

(207) next ›››

(206)
186 ORAIN
Do chul raar an lion 'n a mliile camag,
Nacli greannacli fo chir, a's siod' ga 'cheangal ;
Do dheucl mar na disnean, dìonach, daingean ;
Beul binn a ghabhail nan òran.
Bho 'n tha mi giin sunnd, &c.
'S e 'sgar mi o m' chiall ro mhiad do cheanail,
'S o'n chaidh thu do 'n t-sliabh, nach b'fhiach leat m' fharaid
'S e d' aogas a's d' fhiamh 'chuir pian am charaibh,
'S cha mhiann a bh' agam air stòras.
Bho 'n tha mi gun sunnd, &c.
A HO RO, MO MHAIRI LURACH
A ho ro, mo Mhàiri lurach,
Do 'n d' thug mi mo ghaol cho buileach,
'S e dh' fhàg mi am bliadhn' fo mhulad,
Nach fhaod mi fuireachd ad chòir.
Moire 's i mo ghaol a' ghrnagach,
Seang chorp fallain — thug mi luaidh dhuit ;
'S bho nach fhaod mi deanamh suas riut,
Bidh mi fuasgaladh nan seòl.
A ho ro, etc.
Bidh mò smuaintean anns gach àm ort,
Ged a b' ann a' dol do 'n chrann mi ;
Chuir thu seacharan am cheann,
'S cha 'n amais mi air ceann nan ròp',
A ho ro, etc.
Bidh mi smaointeach ort am leaba,
Bidh mi bruadar ort am chadal,
Cha leig mi thu, 'ghaoil, às m' aire,
Fhads' tha mi air thalamh beò.
A ho ro, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence