Skip to main content

‹‹‹ prev (204)

(206) next ›››

(205)
GIIAIDHEALACn.
Seisd. — Bho' n tha mi gun sunnd, 's is dùth dhomh mulad,
Cha tog mi mo shuil ri sugradh tuille ;
Cha teid mi le muirn gu cuii't nan cruinneag,
'S mo run am Muile nam mor-bheann,
Tha maise a's uaisle, suairceas a's ceanal,
A' direadh a suas an gruaidh mo leannain ;
Ma bheir thu dhomh fuath, 's nach buan do ghealladh
Ni uaigh a's anart mo chòmhdach.
Bho 'n tha mi gun sunnd. &c.
Tlìa maise no dhà ri àireamh fhathast
Aii' bean a' chuil bhàin nam bh\th-:-hul meallach ;
Ma bheir thu do làmh, gu'm fàs mi fallain,
'S bu shlàinte mhaireann do phòg dhomh.
Bho 'n tha mi gun sunnd, &c.
Do shlios mar an fhaoileann, taobh na mara,
Do ghruaidh mar an caorann, sgaoilt' air mheangan ;
Sùd ghorm is glan aoidh, fo chaoin-rosg thana —
'S tu 'n òigh a mheaUadh gach òigear.
Bho 'n tha mi gun sunnd, &c.
Tha smuaine no dhà an tràth-s' air m' aire ;
Cha 'n innis mi 'chàch ceann-fàth mo ghalair ;
Ged laidheas mi tràth, cha tàmh dhomh cadal,
'S do ghràdh ga m' sgaradh an còmhnuidh.
Bho 'n tha mi gun sunnd, &c.
Gur math 'thig an gùnn o'n bhùth do'n ainnir,
'S an fhasan is ùire 'n cùirt nan Gallaibh ;*
Troidh ghloin am broig ùir — 's i dùint' le barr-iall —
Nach lùb air faiche am feòirnein.
Bho 'n tha mi gun sunnd, <fec.
* Lowlanders.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence