Skip to main content

‹‹‹ prev (202)

(204) next ›››

(203)
GHAIDHEALACII.
Blio 'n thàinig mi clo 'n dùthaich so
Gur beag mo shunnd ri ceòl,
Bho 'n dh' fhàg mi tìr nan àrd-bheann,
Far 'n d' f huair mi m' àrach òg ;
Far am biodh fèidh 's na firichean,
A's bric air linne lòin,
Far 'm biodh na h-òighean viaibhreach
'Dol do 'n bhuaile le 'n hioigh òg'.
Tha m' athair a's mo mhàthair,
'Smo chàirdean rium an gruaim;
'S ann tha gach h-aon dhiubh 'g ràidlitinn-
" Gu bràth an tig ort buaidh 1
An di-chuimhnich thu ghòraich
Bho d' òige 'thog thu suas V'
'S ann thug mi gaol do 'n t-se()ladair
'Tha seòladh thar a' chuain !
Tha 'anail leam cho cùbhraidh
Ris na h-ùbhlan 's mi ga 'm buain ;
A dheud cho geal 's an ìbhri,
A chneas mar fhaoileann cuain;
A ghruaidhean mar an caorann,
'S a chaol-mhala gun ghruaim —
0, thug mi gaol nacli dìobair dhuit
Gus 'n sìnear mi 's an uaigh !
Gui' lionmhor mais' ri àireamh
Air an àrmunn dh' fhàs gun mheang,
Gu 'n aithnichinn fèin aii' fàireadh thu,
'S tu àrd aii- bhàrr nam beann ;
Bu deas air ùrlar clàraidh thu,
'N uair thàirneadh tu 'n tigh-dhanns' —
Troigh chuimir am bròig chluaiseinich —
'S gach gruagach ort an geall !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence