Skip to main content

‹‹‹ prev (201)

(203) next ›››

(202)
182 ORÀIN
'S toigh leam na cleachdaidhnean ceanalta' bh' ann ;
Na biodh iad air dhi-chuimhn' a nis aig a' chloinn ;
An coimhneas, an ciiirdeas, am bàigh a's an t-eud,
Thug cliù dhoibh 's gach dùthaich fo chùirtean nan speur.
Nis tha dùthaich ar gaoil 'dol fo chaoraich 's fo f hèidh ;
Sinn gu 'r fuadach thar sàile mar bhàrrlaich gun fheum ;
Ach thigeadh an cruaidh-chàs, 's co sheasas an stoii-m'?
0, co ach na balaich le 'm boineidean gorm' !
Co sheas ris na Frangaich ri àm Waterloo ì
'S an Russia, chuir Alma gu h-ìosal 's an ùir?
Co, anns na h-Innsean, 'thug saorsa do'n t-sluagh'?
O, co ach na Gàidheil bho dhùthaich na buadh !
Canar an gaisge 's an domhan mu 'n cuairt,
Air sgiathaibh na gaoithe g'a sgaoiieadh thar chuan :
Is f had 's a bhios rloghachd 'n a seasamh air fonn,
Bidh cuimhne gu dìlinn air euchdan nan sonn.
'S ma rùisgear an claidheamh a rithist gu strìth,
Ged 's ainneamh ur cuideachd, bidh trusadh 'nar tìr;
Bidh clanna nan Gàidheal ri aghaidh gach càs,
'S iad guallainn ri guallainn, gu buaidh no gu bàs.
THUG MI GAOL DO 'N T-SEOLADAIR
Air feasgar sàmhraidh Sàbaid dhomh
'S mi gabhail sràid leam fèin,
Na smeòraich bha gu ceilearach,
'S iad àrd air bhàn' nan gèug —
Mi cuimhneach' air an ùrmunn
Is àillidh tha fo 'n ghrèin —
Nach truagh nach robh mi còmhla riut
A' còmhradh greis leinn fein !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence