Skip to main content

‹‹‹ prev (190)

(192) next ›››

(191)
GUAIDHEALACH.
Ciod rinn mi ort a dh-eucoir, 'n uair thrèiginn an tìr?
Cha tugainnse beum ort, ged thrèigeadh tu mi;
Cha chreidinn droch sgeul ort, cha bu lèir dhomh as i;
'S ged chuireadh iad breug ort, cha'u èisdinnse rìth'.
Ged gheibhinns' an Roinn-Eòrpa, 's na bheil de stòras innt',
Ged gheibhinn sud air m' òrdugh, a's àite còmhnuidh innt',
Ge'd dh' èighteadh am dhiùc mi, 'sged chrùinnteadh mi'm rìgh,
b'fheàrr a bhi riut pòsda, mur diùltadh tu mi,
'S i mo ghaols' an òg-bhean, is bòidhche na càch ;
Do chùl daithte 'n òrdugh, mar neòinein a' fàs;
Mo ghaolsa mhaighdean bhòidheach, o'n tig an còmhradh blàth —
Na'n gealkidh tu mo phòsadh, bu bheò mi o'n bhàs.
'S i mo ghaolsa mhaighdean, ^&fine theid 'n a gùnn,
'S i mo ghràdhsa mhaighdean, gu'm faighnichdinn thu —
Gu'm faighnichdinn roimh n-òr thu aig bòidhchead do shùl,
'S e'n gaol a thug mi òg dhuit thug deòii- air mo shùil.
Mo chridhe cha dean èirigh, ged dh' èisdinn ri ceòl;
M' aigne cha 'n 'eil eutrom, ge'd 's fheudar dhomh bhi beò;
Tha leann-dubh air m' aodann, 'smi daonnan fo bhròn;
b' fheàrr mu'n tug mi gaol dhuit bhi 'n ciste chaol nam bòrd.
Gur mise tha fo ghruaimein, 's nach gluais mi leam f hìn,
Mu'n ghaol thug mi do'n ghruagaich, 'sgun duais dhomh da chinn;
Ma bheir fear eile bhuam thu, nach truagh a bhios mi;
b' fhearr a bhi 's an uaigh na thu, luaidh, bhi ga m' dhìth.
Comhairl' thoii't air òig-fhear — 's cha ghòraich e i —
Gun ghaol thoirt do dh-òg-bhean, cho bòidheach 's g'am bi i,
Ma labhras i gu ciùin ruit, cum dùinte do chrìdh',
'S feuch, mu'n toir thu rùn di, gu'n lùb thu leat i.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence