Skip to main content

‹‹‹ prev (189)

(191) next ›››

(190)
170 ORAIN
Clia b' ioglinadli mi bhi 'n tòir ort,
'S do ghruaidhean mar na rbsan;
Do chneas mar chanach lòintean,
'S mar ite 'n eòin do mhalaidhean.
An giUe dubh, etc.
'S ann an raoir a rinn mi bruadar
Am chadal air a' chluasaig —
'S a' mhadainn, 'n uair a ghluais mi,
Gu 'm b' fhada bhuam an gille dubh.
An gille dubh, etc.
Gur mise th' air mo lionadh,
'Bhi cuimhneach air do bhriathran;
Gu 'm b' fhearr nach fhacas riabh thu,
Ma thug thu 'm bliadhna 'n car asam.
An gille dubh, etc.
Ma rinn thu mise 'thrèigsinn
Le comhairle luchd-brèige,
Cha 'n fhiosrach mi fo 'n ghrèin
Ciod am feum a th' anns an leannanachd.
An gille dubh, etc.
Ma rinn thu mise 'thrèigsinn
Le comhairle luchd-brèige,
Mo mhile beannachd fèin leat
Blio 'n 's e gu 'm b' f heudar dealachadh.
An gille dubh, etc.
ORAN GAOIL.
Naoh g>)rach mi gad' chaoineadh, 'snach caoineadh tu mi,
'S ro ghnrach thug mi gaol dhuit. 's gu'm faod thu bhi gam' dhìth;
Ma 's e lugh'd mo stòrais, a dh' fhàg do dheòin ga m' dhith,
O 's fheudar dhomh bhi beò, ged nach pòsadh tu mì.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence