Skip to main content

‹‹‹ prev (101)

(103) next ›››

(102)
S8
POEMES
SlUBHAL
A' bheinn luiseanach, fhailleanach,
Mheallanach, liontach,
Gun choimeas dh'a falluing
220 Air thalamh na Criosdachd ;
'S ro neònach tha mise,
Le bòidhchead a sliosa,
Nach 'eil còir aie 'an ciste
Air tiotal na rioghachd.
225 'Si air dùbladh le gibhtibh,
'S air lùisreadh le niiosaibh
Nach 'eil bitheant' a' bristeadh
Air phriseanaibh tire !
Làn-trusgan gun deireas,
230 Le usgraichean coille,
Barr-gùc air gach doire,
Gun choir' ort r'a innseadh;
Far an uchd-ardach coileach,
Le shriutaichibh loinneil,
235 'S eòin bhuchalach bheag' eile
Le 'n ceileiribh lionmhor.
'S am buicean beag sgiolta,
Bu sgiobalt' air grine,
Gun sgiorradh, gun tubaist,
240 Gun tuisleadh, gun diobradh,
Crodhanadh, biorach,
Feadh coire 'ga shireadh,
Feadh f raoich agus firieh ,
Air mhire 'ga dhireadh :
245 Feadh rainich, is barraich
Gu'm b' arraideach inntinn,
Ann an iosal gach feadain,
'S air àirde gach creagain :
Gu mireanach, beiceasach.
222. île '=4 cau^o de.
223. còir, droit.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence