Skip to main content

‹‹‹ prev (31)

(33) next ›››

(32)
28
AM MEASG NAM BODACH.
Leigh a ehraobh-sgaoil an creideamh Criosduidh ami
measg nan daoine dubha an Africa. “Cha bu mhatb leam
di-meas a dheanamh air Mac an Leigh,” arsa an tailleir,
“ach tha mi cinnteach gu’m bi saobh chreidimh ann an
Africa mar a bha saobh-chreidimh ann an I mile bliadhna
an deidh searmonachadh Chaluim Chille. Nach aithne
dhuit Dun-mhananain ? B’ann do Mhananan a bha iad
ag aoradh, oir nach b’esan a bha riaghladh na mara ann
ambeachd nan treubhan Ceilteach, agus chuala mise gu’m
biodh muinntir I a’ dortadh measan bhrochain, anns a’
mbuir mar iobairt do Mhananan aig toiseach na
naodhamh linn deug. Bha iad ag cur ubh na h-eireige
dh’iarraidh ubh a’ gheoidh. Bha fiughar aca gu’n
cuireadh Mananan feamainn a’ Cheitein ’na mill air na
cladaieheah. ”
(3ha do chord sgeul an tailleir ri Alasdair agus thionn-
daidh e ri Seumas agus thug e cuireadh dha innseadh
mu thurus an t-Sasunnaich mhoir, An t-Qllamh Maclain.
Bha deagh chuimhne aig m’athair air an t-Sasunnach
ainmeil so agus am fear caol glas do’m b’ainm Boswell
a bha ’na sheorsa gille-cas-fhliuch dha. Is e duine £nbr
foghainteach a bha ann am Maclain, duine bronnach
bruidhneach. Bha e cho goirid ’na leirsinn’s gu’n do
leum e a birlinn Mhic’Illeathain na h-Innis mu’n do
threabh a toiseach claise ann an gainneamh Phort-
B6nain. Bha e fliuch gu shleisdean agus is e Boswell
bochd a dhlol air a’ mhi-fhortan. Las fearg a’ bhodaich
mhoir agu-S thoisich e air Boswell a chaineadh agus a’
smachdachadh.
‘‘Bha mi,” arsa Maclain, ‘‘air mo sh&rachadh le
luasgan cuain mar a bha an t-Abstol Pol agus ann an
cunnart mo bheatha feadh ghlinn dhbrcha agus bheanntan
oillteil na diithcha neo-chneasda so, agus ma dh’&reas