Skip to main content

(2) next ›››

(1) Front cover -
U i
NAIDHEACHDAN BHO BHUILL, MHEURAN AGUS ROINNEAN
AIREAMH 8 SAMHRADH 1993
Fios bhon Cheann-suidhe
Mar as fhaisge a thig sinn air ar Coirmeamh Bhliadhnail, tha sinn a'
meomhrachadh air ar n-oidhirpean air a' bhuidheann a leasachadh agus air adhb-
har a' bhuidhinn a cheangal ri feuman agus ri dochasan nam ball. Ghabh sinn os
laimh sgrudadh mor air na structaran agus air na doighean-obrach a tha againn ach
an sonraicheadh sinn caite a bheil duilgheadasan, gu h4raidh a-thaobh a bhith a'
cumail fiosrachaidh ri cheile. Ghabhadh ri tomhais de mholaidhean; cuirear fead-
hainn eile, a tha nas cudthromaiche, ri na buill airson deasbaid agus bheachdan.
Bidh am moladh a tha a' cur as do Chomataidhean nan Roinnean a' ciallachadh
gum feumar dreach de bhonn-steidh ur. Cuairtichear seo gu na Meuran ro
Choinneamh Bhliadhnail 1994. Seach gum buin ar buidheann don bhallrachd, feu¬
mar am beachdan a chluinntinn le bhith a' toirt nam Meuran nas fhaisge air
deanamh cho-dhunaidhean
Am bliadhna rinn na buill oidhirpean mora gu saor-thoileach, gu sonraichte san
Oban far an robh am Mod Naiseanta Rioghail cho soirbheachail. Tha an Ard
Chomhairle agus an luchd-obrach cuideachd air a bhith trang le nithean naiseanta,
a leithid thagraidhean mu chairt-cbire a' BhBC agus Aithisg Foghlaim Howie.
Tha ar Sgnobhadair trang a' coimhead ri leasachaidhean air drama coim-
hearsnachd an deidh cuairt-fiosrachaidh naiseanta. Foillsichear na molaidhean aig
a' Chomataidh Leasachaidh a tha a' sealltainn ri cruth a' Mhoid Rioghail Naiseanta
nas fhaide sa' bhliadhna.
Tha feum aig a' chanan air gach taic a gheibh e agus tha leasachaidhean teleb-
hisein a' deanamh co-reiteachaidh a-thaobh fior chanan. Tha iomadh gne ball sa'
Chomunn agus tha aite cudthromach aige ann an leasachadh canain, a dh'ain-
deoin nam beachdan neonach a tha aig cuid de bhuidhnean mu dheidhinn. Tha
co-obrachadh a' cur feum air comhraidhean cothromach anns am bi inbhe aig a'
chanan thairis air inbhe bhuidhnean. Le co-obrachadh, feumaidh am buidheann a
dhol an sas ann an gnothaichean laghail foghlaim a dh'fhaodadh maille a chur air
leasachadh.
A' coimhead air thoiseach tha mi a' creidsinn gur iomadh dubhshlan a bhios
ann san dara linn den Chomunn, ach tha mi a' creidsinn cuideachd gum mair e le
neo-eisimeileachd shonraichte a-chum na coimhearsnachd a tha e a' ffithealadh a
riochdachadh gu cunbhalach.
Tapadh leibh airson ur taice. Chi mi an Ard Ruigh sibh.
NAIDHEACHDAN - TACHARTASAN