Skip to main content

‹‹‹ prev (145) Page 169Page 169

(147) next ››› Page 171Page 171

(146) Page 170 -
t7o
AN DEO GREtNE
is conducted by Mr. Duncan Reid, author of
Reid’s Gaelic Grammar, and of a new work
which is now in the press, under the auspices
of An Comunn, viz., “ An Elementary Course
in Gaelic.”
CARRAN MAC STILL.
Le Alastair MacGillemhicheil.
Cha chuala mi riamh co bu duthaich no co bu
daoine do Charran mdc Still, ach is minig a
chuala mi m’ a ghliocas agus m’ a gheirid.
Bha beulachas ann an Liosmor gur e duine
d’am b’ ainm Carran a thog Caisteal Mhear-
naig,no Bhearnaig,ann anCinn-ghearrloch. An
deigh sin thainig Carran a nail tarsuinn an
Linne Mharairneach, agus thog e Caisteal
Chaifean ann an Liosmor. Agus an deigh sin
chaidh Carran a null tarsuinn an Linne Lath-
arnach agus thog e Caisteal a’ Bhasra Chall-
tuinn ann am Meadarloch.
Tha port beag ann an Liosmor ris an abrar
Port Charrain, agus tha baile beag ann am
Meadarloch ris an canar Cuil Charrain. Bha
seanachas ag radh gu’m b’ ann air son
‘Charrain nan caisteal’ a lean an t-ainm air
Port Charrain agus air Cuil Charrain.
Ach cha b’ urrainn gu’m b’ e an t-aon duine
a thog na tri Caisteil so. Tha Caisteal
Mhearnaig agus Caisteal Chaifean na ciadan
bliadhna na’s aosda na Caisteal a’ Bharra
Challtuinn.
Tha seanachas siubhail ag radh gur e Padra
Beag a thog Caisteal a’ Bharra Challtuinn—
Caisteal Dubh a’ Bharra Challtuinn. B’ e
Padra Beag so mac Moraire Bhradalbainn
agus an ceud Chaimbeulach a thainig do
Mheadarloch. Bha e ’n a dhuine treun tapaidh
teoma. Ma ’s a fior an sgeul, ach tha an
sgeula so ri aithris air iomadh caisteal, dh’
iarr Padra Beag cead air uachdaran an aite
larach bothain ge nach bitheadh ann ach
bothag bheag bhiteach a chuartaicheadh seiche
mairt. Thugadh sin dha. Fhuair Padra Beag
greim air an aon bhoin bu mhotha a bha eadar
da cheann Latharna, agus mharbh e am mart,
agus ghearr e a seiche ’n a h-eill chaoil agus
chuir e an iall mu’n cuairt air pios gruinnd
agus thubhairt e ris an uachdaran ; “ ’S e so
mo chuidse a reir do ghealltanais.” Cha robh
aig an uachdaran ach gabhail leis—bha na
Caimbeulaich lionmhor laidir’s an tir.
B’e Padra Beag athair Chailean Chaimbeuil,
ministear urramach agus iomraiteach Aird-
chatain agus Mhucarna. Is ann le Mr. Cailean
a bha an Leitir Dhubh-alltain shuas faisg air
Critheagan, agus le Padra Beag Achnamba
shios faisg air a’ Chonathuil. Rinn an dithis
suaip mu’n da bhaile fearainn. Ach ge bu le
Mr. Cailean Achnamba cha b’ ann a bha e
fuireach ach anns an Fhearnaich, taobh thall
an locha—taobh eile Locheite.
Tha an Fhearnach an diugh ’n a fasaich fo
luachair, fo roinnich, agus fo choinnich. Ach
bha an Fhearnach aon uair iomraiteach mar
ait oilcan agus ionnsuchaidh. Is ann anns an
Fhearnaich a bha mic uaislean na duthcha a’
faighinn foghlum ma ’n d’ readhadh iad a dh’
abaid Airdchatain. Aithnichear fhathast
riamhag cuid de laraichean aosda, an diugh fo
riasg ruadh agus fo choinnich ghlais. Tha
cnoc an sin ris an canar Tom nam Feallsanach,
far am bitheadh ogain na tire ag ionnsuchadh
—sleagh, agus saighead.agus gearradh claidhe.
Bha duin’ uasal ann an sin ris an cainte
Fear na Fearnaich, agustheirte gur h-e feall¬
sanach claidhe a b’ fhearr ann an Albainn ;
agus theireadh feadhainn gur h-e Fear na
Fearnaich feallsanach claidhe a b’ fhearr ann
am Breatunn. Agus cha robh a bhuachaille
dad air dheireadh air fhein. Ach ge taitneach
seanachas nan seann daoine anns a’ chuis so
feumar tilleadh ri Mr Cailean Caimbeul.
Theirte Mr Cailean ris an duin urramach so,
agus theirte ris Cailean mbr, Cailean mor na
Fearnaich, Cailean mor Achanamba, agus
Cailean mor Airdecatain.
Ge do theirte Padra Beag ri ceud Chaim¬
beulach a’ Bharra Challtuinn, cha robh e beag
idir—bha e tiugh tarbhach, agus beothail
laidir, fada fiaraidh os ceann cumantais. Bha
a mhac, Mr Cailean,rmor ann am pearsa, mor
ann an neart, agus mbr os ceann tomhais ann
an cursa sgoilearachd, agus ann am farsuinn-
teachd inntinn. Bha e comhla ri mac bhrathar
athar, mac Moraire Bhradalbainn ann an
Cambridge far an d’ fhuair e eblas air an
du ine chli ui teach iomraiteach Sir Isaac Newton.
Thug an t-uasal ainmeil so cuireadh do Mhr.
Cailean tighinn gu cathair feallsanachd ann
an Cambridge. An deigh dha sin a dheanamh
sgriobh e gu Gregory, feallsanach iomraiteach
eile ann an Cille-riomhainn agus thubhairt e ;
“Ma thig Mr Cailean Caimbeul a nios gu
Cambridge ni e clann dhinn uile. Chuala mi
rathad Mhucarna agus Mheadarloch moran
seanachais air an duine mhbr urramach iom¬
raiteach so—mbr agus urramach agus iomrait¬
each air iomadh doigh.
Ach is coir sgur ma’n cuir mi an Deo Greitie
dhith le cudrom na cuaille.
Tughadh na h-Ath.
Bha Carran mac Still air leabaidh gun chomas
cuir no carachaidh. Thainig a mhac a steach
le cabhaig agus thubhairt e :
“O, athair, athair, a dhuine ! a dhuine ! Gu
de so a thainig air an ath agad athair—lodan
uisg air a mas agus an ath agamsa co tur
tioram ri cuaichean coinnich.”
“An ta cha b’ abhaist dha ’n ath agams’ a
bhi mar sin a mhic. Cha d’ fhag mi riamh