Skip to main content

Glen Collection of printed music > Printed music > Gesto collection of Highland music

(56) Page 44 - Cumha baird air son a leannan

‹‹‹ prev (55) Page 43Page 43Failte na morthir -- Co thu tho gainn fonn mo leannain -- Bha mi 'n de 'm beinn dobhrain

(57) next ››› Page 45Page 45Caite'n caidil an ribhinn -- 'S tu mo luaidh nam faighinn thu

(56) Page 44 - Cumha baird air son a leannan
LE DONNACHADH BAN MAC-AN-T-SAOIR.
Bha mi’n ,de’m Beinn-dorain,
’S na coir cha robh mi aineolach,
Chunna mi na gleanntan
’S na beanntaichean a b’aitline dhomh;
Be sin an sealladh eibhinn
Bhi jg imeachd air na sleibhtibh,
Nuairbhiodh a ghrian ag eiridh,
’Sa bhiodh na feidh a langanaich.
’S aobhach a ghreidh uallach,
, ’Nuair ghluaiseadh iad gu farumach,
S’ na h-eildean air an fhuaran,
Bu chuannar na laoigh bhallach ann;
Na maoisichean’s an ruadh-bhuic,
Na coilich dhubh a's ruadha,
’S e’n ceol bu bhinne chualas
’Nuair chluinnt’ am fuaim ’sa chamhanaich.
’S togarach a dh’ fhalbhainn
Gu sealgaireachd nam beallaichean,
Dol ’mach a dhireadh garbhlaich,
’S gu’m b’ana-moch tigh’nn gu baile mi;
An t-uisge glan san t-aile
Thar mullach nam beann arda,
Chuidich e gu fas mi;
’Se rinn domh slainnt a’s fallaineachd,
Fhuair mi greis de’m arach
Air airidhean a b’ aithne dhcmh,
Ri cluiche, ’s mire’s maran,
An caoimhneas blath nan caileagan;
Bu chuis an aghaidh naduir
G’um maireadh sin an drast ann,
’S b’ eigin bhi ga’m fagail
’Nuair thainig trath dhuinn dealachadh
Nis o’n bhuail an aois mi,
Fhuair mi gaoid a mhaireas domh
Rinn milleadh air mo dheudach,
’S mo leirsinn air a dalladh orm;
Cha’n urrainn mi bhi treubhach,
Ged’ a chuirinn feum air,
’S ged bhiodh an ruaig am’ dheigh-sa,
Cha dean mi ceum ro chabhagach.
Ged’ tha mo cheann air liathadh,
’S mo chiabhagan air tanachadh,
’S trie a leag mi mial-chu
Ri fear fiadhaich ceannartaich;
Ged’ bu toigh learn riamh iad,
’S ged’ fhaicinn air an t-sliabh iad,
Cha teid mi ’nis g’an iarraidh
O’n chaill mi trian na h-analach.
Ri am dol anns a bhuireadh,
Bu durachdach a leanainn iad,
’S bhiodh uair aig sluagh na duthcha,
Toirt drain ura’s rannachd dhaibh;
Greis eile mar ri cairdean,
’Nuair bha sinn anns na Campan,
Bu chridheil anns an^am sinn;
’S cha bhiodh an dram oirnn annasach.
’Nuair bha mi’n toiseach m’ dige,
’S i ghdraich a chum falamh mi;
’S e fortan tha cuir oirne
Gach aon ni coir a’ ghealladh dhuinn;
Ged’ tha mi gann a storas,
Tha m’ inntinn lan de shdlas,
O’n tha mi ann an ddchas
Gu’n d’rinn nigh’n Dhedrs’ an t-aran domh.
Bha mi ’n de ’san aonach,
’S bha smaointean mdr air am’ aire-sa,
Nach robh 'n luchd-gaoil a b’abhaist
Bhi siubhal fasaich mar rium ann,
’Sa bheinn is beag a shaoil mi,
G’un deanadh ise caochladh;
O’n tha i ’nis fo chaoirich,
’S an thug an saoghal c&r asam.
Nuair sheall mi air gach taobh dhiom,
Cha’n fhaodainn gun bhi smalanach,
O’n theirig coill’ a’s fraoch ann,
S na daoine bh’ann, cha mhaireann iad
Cha’n ’eil fiadh r’a shealg ann,
Cha’n eil eun no earb ann,
’M beagan nach ’eil marbh dhiubh,
’Se rinn iad falbh gu baileach as.
Mo shoraidh leis na frithean,
O’s miobhailteach na beannaibh iad,
Le biolair uainne a’s fior-uisg,
Deoch uasal rimheach, cheanalta,
Na bharran a tha priseil,
’S na fasaichean tha lionmhor,
O’s ait a leag mi dhiom iad,
Gu brath mo mhile beannachd leo!
Words by
William Ross.
CUMHA BAIRD AIR SON A LEANNAN.*
“The Bard’s Lament for his Sweetheart.”
Slow and solemn.
iHg
d.
% r
*
■0—0-
0—0-
£
£
MUM.
f
—m—m m —r—«r
CUMHADH A’BHAIRD AIR SON A LEANNAIN.
LE UILLEAM ROS.
AIR FONN— “Farewell to Lochabei\”
l ’S e do mharan bu mhiann leam,
’S e tigh’n’ gun fhiabhras gun ghruaim,
• Mar ri bfasdachd na h-draid,
’S e bu chedl-bhinne fuaim:
s Dh’eireadh m’ inntinn gu h-abhachd,
f Ri linn bhi ’g aireamn gach buaidh,
i A bha co’-streup ri mo leannan
^ Baindidh, farsada, suairc’.
| Seinn eibhinn, #c.
I ’S gur gile mo leannan
f Nan eaf air an t-snamh,
f Gur binn’ i na’n smedrach, , . . ,
Am barraibh rd chrann sa mhaigh,
( Gur e geamn’achd a beusan,
f ’S i gun eacoir na cail,
A liib mise gu geilleadh
Air bheag eigin na gradh.
Seinn eibhinn, #c.
Gu’m beil maise na h-eudann,
Nach feudainn-s a luaidh,
Tha i pailt ann an ceutaidh,
’S an ceill a thoirt buaidh,
Gun a coimeas ri featainn
Ann an speis, san taobh-tuath,
M’ dg mhin-mhala bhaindidh,
Thogadh m' inntinn o ghruaim,
Seinn eibhinn, <Sre.
0 0
Ged is socrach mo leabaidh,
Cha’n e’n cadal mo mhiann,
Leis an luasgans’ th’air m’aigneadh,
0 cheann fad’ agus cian,
Cu m beil teine na lasair,
Gun dol as na mo chliabh,
Tabhairt brosnachadh gdur dhomb,
Gu bhi ’g eiridh ’sa triall.
CO’-SHEIRM.
SEISD:— Seinn eibhinn, seinn eibhinn,
Seinn eibhinn an dail,
Seinn eibhinn bhinn eibninn,
Seinn eibhinn, gach la,
(CHORUS) Seinn eibhinn, binn eatrom,
Seinn eibhinn, do ghna
Seinn eibhinn, seinn eibhinn,
Chuireadh m’ easlain gu lar.
Tha mi edrr a’s tri bliadhna,
Air mo lionadh le gaol,
’S gach aon la dhiu stiuireadh,
Saighead ur ann mo thaobh;
Cia mar a leir dhomh ni taitneach,
Dh’aindeoin pailteas mo mhaoin?
’S mi as eugmhais do mharain,
Bhiodh gun ardan rium saor,
Seinn eibhinn, <Src.
Ge bu righ mi air Albainn,
Le cuid airgeid a’s spreidh
B’e mo raghamn mho mhin-mhaT,
Thar gach ribhinn dhomh fein.
Cha bu shuaimhneas gu bits domh
N’aon aite fo ’n ghrein,
’S mi as eugmhais do mharain,
Gus mo thearnadh o bheud.
Seinn eibhinn, 5rc.
Ach mosg'leam tharais a mi ghean,
’S cuiream difh air mo ghruaim,
Bed ni's faide,cha bhi mi
Gun mo mhin-mala shuairc!
Cha dirich mi bealach nan ard
Le suigeart mar bha mi’n tos,
Ach triallam a chadal gu brath
Do thalla nam bard nach bed!
S ge do bhithinn an eugail,
Agus leigh air toirt duil,
Nacn biodh furtachd an dan domh.
Ach am bus an gearr fan’,
Chuireadh eugas mo mhin mhal,
Mo mhi-ghean air chul, ,
Ghlacainn mnneas na smeoraich
A’s gheibhinn solas as ur.
Seinn eibhinn, <9rc.
Ge binn cuach’s ge binn smedrach,
’S ge binn coisir, ’s gach crann,
Seinn ciuil dhomh 'n coill smiidain,
Theich mo shugradh-s’ air chall—
Tha mi daonnan a smaointeach,
Air mo ghaol ann sa’ ghleann
S mi air tuiteam am mi-ghean,
Gun a briodal bhi ann.
Seinn eibhinn, 8?c.
Nuair a bhithinn-’s’s mo mhin mhal’,
An gleannan rimheach na euaich,
No ’n doire fasgach na smedraich,
Gabhail sdlais air chuairt;
Cha mhalairtinn m’ eibhneas
0 bhi ga h-eugmhais car uair,
Air son stdras rhir-stata,
Dh’ aindeoin airdead an uaili
Seinn eibhinn, <Src.
‘Lochaher no more"
of Balhaldie.
is sung to this air. Mr. Fraser Mr. Intnsh says it was composed in honour of Jean Cameron of Lochiel by Me. Gregor of Drummond
K. N. M. 1

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence