Skip to main content

‹‹‹ prev (43) Page 31Page 31Exiled Monarch -- Row weel, my boatie, row weel

(45) next ››› Page 33Page 33St Filans Monastery -- Theid Mi dhachaidh cro cheann'n t-saile -- Cumha shir tormaid mhic leoid

(44) Page 32 - Taladh Iain Mhuideartaich
32
Words by JOHN
Me. Codram.
TALADH IAIN MHUIDEARTAICH*
Lullaby to John of Moydart.
m
iS-
m m
w '*
m
m
Mhuirel’s e mo run mo leanabh,
’S tu mac oighre Mhic ’ic Ailein,
Ogha's iar-ogh’ nam fear fearail,
Chaidh ur n alia fada ga cur.
B’ fhearr learn fein gu’n cinneadh sid dhuit,
Aois, ’us fas, ’us ailleachd an cruth,
Maise, ’s feile, ’s geire le guth.
Taing do ’n Ard-righ thu bhi firionn,
Chum ’s gu ’m meudaicheadh tu ’n fhinne,
’S gu ’m biodh tu a* d’ spailp air do Chinneadh,
’S an deadb ionad’s ’a bheil thu ’n diugh.
Bhi gu siobhalt’ bhuineadh sid dhuit,
Garg ’us rain mar chairte ri d’uchd,
Pailt, ’s rioghail, ’s aoidheil mu d’chuid.
B' fhearr leam fhein gu’n cluinneadh each e
’N uair nach bithinn fhein a lathair,
Iain Muideartach bhi ’na armunn,
Air an larach am bheil e 'n diugh:
’N a cheann tamha ri tarmunn puirt,
Anns an an aros ’n seinnear a’ chruit;
’S bhiodh do chairdean manranach riut.
Thaobh do sheanar ’us do shean-mhath ’r,
Craobh a b’ aithne dhomhsa 'leanmhuinn,
Comunn mo ruin a dh’ fhas ainmeil,
As an ana-meinn cha d’rinn iad bun.
Cha robh mi-run fillte ri ’n cruth;
lochdmhor, fiachail, ’s fialaidh mu ’n cuid,
Cliu,’us ciatamh, ’s rianadh le guth.
’S iomadh rioghachd agus naisean,
’S an do mheudaich sibh ’ur cairdean,
Mar ’rinn sibh ri Prionnsa Tearlach,
’N uair bha ghraisg a’ bagairt a mhort.
Lean an duthchas cliiiteach ud riut_
Dol an cunnart d’anma ’s do chuirp;
Thaobh an cuil cha tionndadh iad stuth.
Fir Chnoideart ’s ann leibh gu’n druideadh,
’Rachadh mar sheabhag ’s na druidibh,
B’e beachd ’ur naimhdean bu ghlice,
Thaobh ’ur misnich gu ’m b’ fhearr dhoibh sgur.
Luchd ’ur eucoir gheilleadh iad tur.
Meud ’ur beuma, ’s geiread ’ur luinn,
’N deigh an leireadh b’ eigin dhoibh sgur.
An fhinne mhbr ’s am pdr dh’ fhas ainmeil,
Domhnullaich, ’s Raonullaieh chalma,
Bha gu fuilteach, strdiceach, feargha,
’N uair a chairte ’n arguin ri n uchd.
’S e Clann Raonuill bhoillsgeadh mar thuil,
’N am na caornaig chraosgladh iad fuil;
Fearg ’nan aodann ’s b’ aognuidh an cruth.
C’aite an robh iad riamh ri ’n aireamh,
’S iad ’nan seasamh ri h-uchd namhaid,
H-aon a bhuadhaich air Clann Ra’uill-,
’S iomadh arach ’s an d’ rinn iad bruth?
Le’n gaoir-chatha-farum an uile;
Cinn 'g an sgathadh, snaidheadh air cuirp;
Luaidhe treabhadh domhain troimh’m fuil.
C’ait’ an cualas riamh ri ’n aireamh,
’S iad ’nan seasamh air ciil Spaintich,
H-aon a bhuadhaich air Clann Ra’uill,
Gnuis gun fhaillin, stailin mar stuth;
Dream gun eagal, sheasadh roimh ’n trup;
Cruaidh, gu fearail, tarruing air stuic;
Stialladh ghearran ’s fhear air am muin.
Bha Clann Ra’uill treun aig ’Aria;
’Nuair bhrosnuich Lachlann am bard iad,
Sheas iad dileas mar an stailinn
Gus an robh ’n namh toileach air sgur.
Nar fir aluinn aireamh dhiu thuit,
’S cha bu nar dhoibh traghadh air fuil;
’S b’ iomadh armunn ’bhasaich le guin.
An cuimhne leibh la blair Leine?
Bha na Frisealaich ’nan eiginn,
Cha d’ shabhail fear as a cheud diu,
’S ghleidh sibh fein bhur cuid gus an diugh.
Na fir thaobhgheal’ b’ fhaobharach guin,
Luaidheadh aodach caol agus tiugh;
Cloithean madair ’s carnaid ’nan cur.
Ri linn Alasdair ’s Mhontrdis,
Bha sibh ’nar caithream an Lochaidh;
Bu ghleusda, baranta, Ddmhnull
Leomhann cro ’s an tbrachd a muigh.
Bha ’ur naimhdean diolta dhe ’ur cluich;
Thug iad maoim a mach air a’ mhuir,
Broinn air bhroinn a ruith leis an t-struth.
B’ iomadh fear-cleoc’ agus Aibid,
Bha chdta cho flinch r’a chais' eart,
Foghlum an t-snamh’ nach robh aige;
Air an aigeal luidh iad air ghur.
Cha robh daol a’ faochnadh an cuirp;
Oir bha ’n aodach caol agus tiugh;
Ni nach b’ ioghnadh, ’aognuidh ’s e flinch.
La eil’ ann an Coille chnagaidh,
Dh’ fhalbh Mac-Aoidh ’s gu’n d' fhag c’bhaggage,
B’ fheumail an gniomh rinn an t-each dha,
Air na bh’ aige chuir e droch bhuil.
B’ iomadh sonn a b’ fhonn’oire guth.
Bh’air Raon-Ruairidh ’s fuaran o’n cuirp,
Cinn ’us gruagan luidht’ ann am fuil.
La eil’ ann an Sliabh an t-Siorraim,
Cuis an air a dh’araich tioma,
Thuit Ailean an neart an teine;
Leomhann smearail’s b’fhearail a chruth.
’S truagh an torachd ’thainig thar muir,
Dh’ fhag sid leointe ’stigh sinn s a muigh;
Nis, sinn stolda ’s coir dhuinn bhi sgur.
* Communicated by the Revd. Mr. Me. Rury one of the ablest Gaelic scholars in the north.
K.N.M.l

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence