Skip to main content

Glen Collection of printed music > Printed music > Gesto collection of Highland music

(41) Page 29 - Ho ro, mo nighean donn, bhoidheach -- Oran gaoil -- Ged tha mi gun chrodh gun aighean

‹‹‹ prev (40) Page 28Page 28An old Skye air -- An Old Skye air (slow with expression) -- Tha dhriuchd fein air bhar gach meangain

(42) next ››› Page 30Page 30Theid mi dhachaidh cro cheann'n t-saile -- Is leam cruinneag dhonn na'm bo -- Scotland's firdt James

(41) Page 29 - Ho ro, mo nighean donn, bhoidheach -- Oran gaoil -- Ged tha mi gun chrodh gun aighean
HO RO, MO NIGHEAN DONN, BHOIDHEACH.
My pretty auburn haired maid.
SEISD: Ho ro, mo nigh’n donn, bhdidheach,
(CHORUS) Hi ri, mo nigh'n donn, bhoidheach,
Mo chaileag laghacb, bboidheach,
Co phdsainn ach thu?
A Pheigi dhonn nam blath-shul,
Gur trom a thug mi gradh dhuit-.
Tha d’ iomhaigh ghaoil a’s d’ ailleachd,
A ghnath tigh 'n fo m’ uidh
Ho ro, etc.
Ach ’n uair a thig an Samhradh,
Bheir mise. sgriob do ’n ghleann ud,
S gu ’n tog mi learn do ’n Ghalldachd,
Gu h annsail am flur.
Ho ro, etc.
Cha cheil mi air an t-saoghal,
Gu bheil mo mhiann’s mo ghaol ort;
'S ged chaidh mi uait air faondradh,
Cha chaochail mo run.
Ho ro, etc.
’N uair bha mi ann ad lathair,
Bu shona bha mo laithean
A sealbhachadh do mhanrain,
As aille do ghnuis.
Ho ro, etc.
Gniiis aoidheil, bhanail, mh'alda
Na h-digh is caoimhe nadur;
I suairce, ceanail, baigheil,
Lan grais agus muirn.
Ho ro, etc.
Se ’n t-6l a rinn mo bhriseadh,
Se ’n stop a dh’ fhag gun mhees mi
Mo thruaige n te gheibh mise
’San mhisg a chuir mi uidh.
Ho ro, etc.
Ach riamh o’n dh’fhag mi d’fhianuis.
Gu bheil mi dubhach, cianail;
Mo chridhe trom ga phianadh
Le iarguin do riiin.
Ho ro, etc.
Ge lurach air a' chabhsair
Na mnathan bga Gallda,
A righ! gur beag mo gheall-s’
Air bhi sealltainn ’n an gnuis.
Ho ro, etc.
S ann tha mo run s na beanntaibh,
Far bheil mo ribhinn ghreannar,
Mar ros am fasach Shamhraidh,
An gleann fad’ o shuil.
Ho ro, etc.
Slow and pathetic.
*a
ORAN GAOIL.
Love song.
3
£
w
i
# ^
iff •rcTii-f
I
» 0
I
$
Slow and expressive.
GED THA MI GUN CHRODH GUN AIGHEAN.
‘ Though I am tocherlessl’
iff#
I
¥ P
PPi
M4
m
I
1
m
SEISD: Ged tha mi gun chrodh gun aighean,
Gun chrodh laoigh gun chaoraich again-,
Ged tha mi gun chrodh gun aighean,
Gheobh mi fhathast oigear grinn.
Fhir a dh’ imicheas thar chuantan,
Giulain mile beannachd uamsa,
Dh’ ionnsaidh digear a' chuil dualaich,
Ged nach d'fhuair mi e dhomh fhin.
Ged tha mi gun chrodh,etc.
Fhir a dh'imicheas am bealach,
Giulain uamsa mile beannachd;
S faod’s tu innseadh do mo leannan,
Gu’m beil mi’m laidhe ’so learn fhin.
Ged tha mi gun chrodh, etc.
Fhleasgaich thainig nail a Suaineart,
Bu tu fhein an sar dhuin'-uasal;
Gheobhainn cadal leat gun chluasaig,
Air cho fuar’s g’ am biodh an oidhch’.
Ged tha mi gun chrodh,etc.
Ged nach ’eil mo spreidh air Idintean
Mo chrodh no mo chaoraich bhdidheach,
Bheirinn tochar dhuit an ordugh,
Cho math ri te dig’s an tir,
Ged tha mi gun chrodh,etc.
Ged tha mi gun crodh gun chaoraich,
Chan eil mi gun mhaise’m aodann;
Dh' fhighinn breacan a bhiodh caol dhuit,
’S dheanainn aodach a bhiodh grinn
Ged tha mi gun chrodh,etc.
Naile! ’s mise tha fo mhulad,
A’s mi’tamh ’s an t-seomar mhullaich;
An leannan bh agamsa an uiridh,
’S ann tha "n diugh rium ciil a chinn.
Ged tha mi gun chrodh, etc.
Naile! ’s mise th’air mo lednadh,
Mu digear a’ chuil bhachlaich, bhdidhich;
Gur e sud an sgeul a Icon mi,
Thu bhi ’giulan cot’an Righ.
Ged tha mi gun chrodh,etc.
Naile! ’s mis’ tha dubhach, deurach,
’N seomar ard a’ fuaigheal leine;
Chaidh mo leannan gu Jamaica,
’S ciod am feum dhomh bhi ga ’chaoidh?
Ged tha mi gun chrodh,etc.
K.N. M. 1

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence