Skip to main content

Glen Collection of printed music > Printed music > Gesto collection of Highland music

(38) Page 26 - Ho ro mo chuid chuideachd thu

‹‹‹ prev (37) Page 25Page 25Tha mi'm shuidhe air an tulaich -- Oran sugraidh -- H Ithill Uthill Agus O

(39) next ››› Page 27Page 27Will ye no come back again -- Lass of Humber side -- Smi m'shuidhta gu stolta

(38) Page 26 - Ho ro mo chuid chuideachd thu
H-ithill uthill agus o,
H-ithill o h-oireannan
H-ithill uthill agus o,
H-ithill o-h-o h-oireannan,
H-ithill uthill agus o,
H-ithill o h-oireannan
Faillill o h ullill o,
H-o ri ghealladh h-i-il an.
Ge do theid mi do m’ leabaidh
Cha’n e cadal is miannach learn,
Aig 1*0 mheud na tulle,
’S mo mhuilean gun iarann air,
Tha mholtair ri paidheadh,
Mur cailltear am bliadhna mi,
’S gur feumail domh faighinn,
Ge do ghabhainn an iasad i.
H-ithill, 3’e.
Tha mo chion air a chlachair,
Rinn m’ aigne-sa riarachadh,
Fear mor, a bheoil mheachair,
Ge tosdach, gur briathrach thu;
Gu’m faighinn air m’ fhacal
Na caisteil ged dh’iarrainn iad;
Cheart aindeoin mo stata,
Gun charaich sud fiachan orm.
H-ithill, #c.
Ged a thuirt mi riut clachair,
Air m’fhacal cha b’fhior dhomh e,
Gur rioghail do shloinneadh
’S gur soilleir ri iarraidh e,
Fior Leodach ur, gasda,
Foinnidh beachdail, glic fialaidh thu,
De shliochd nam fear flathail,
Bu mhath an ceann chliaranach.
H-ithill, <Src.
Ach a mhic ud Shir Thormoid,
Gu’n soirbhich gach bliadhna dhut,
Chuir buaidh air do shliochd-sa,
Agus piseach air t-iarmadan;
’S do’n chuid eile chloinn t-athar,
Anns gach rathad a thriallas iad,
Gu’n robh toradh mo dhurachd
Dol nan run mar bu mhiannach learn.
H-ithill, ^c.
’Nuair a theid thu do’n fhireach,
’S ro mhath chinneas an fhiadhach leat,
Le d’ lothain chon ghleusda
Ann ad dheigh ’nuair thrialladh tu,
Sin, a’s cuilbhear caol, cinnteach,
Cruaidh, direach, gun fhiaradh ann;
Bu tu sealgair na h-eilid,
A choilich, ’s na liath-chirce.
H-ithill, Sec.
Tha mo chion air an Ruairidh,
Gur luaineach mu d’ sgeula mi,
Fior bhoinne geal suairc’ thu,
Am beil uaisle na peacaige,
Air an d’fhas an cul dualach,
’S e na chuachagun teud-bhuidhe,
Sin a’s urla glan, suairee,
Cha bu tuairisgeul breugach e.
H-ithill, #c.
Sian iomradh dhut Iain,
Gu mu rathail a dh’ eireas dut,
’S tu mac an deagh athar,
Bha gu mathasach meaghrachail,
Bha gu furbhailteach, daonnachdach,
Faoilteachail, deirceachail,
Sar cheannard air tritp thu,
Na’n cuirte leat feum orra.
H-ithill, #c.
Gur aluinn am marcach
Air each an glaic diollaid thu,
’S tu cumail do phearsa
Ann an cleachdadh, mar dh’iarrainn dut,
Thigeadh sud ann ad laimh-sa
Lann spainteach, ghorm, dhias-fhada,
A’s paidhir mhath phiostal
Air crios nam ball sniomhanach.
H-ithill, #c.
Words by HO-RO MO CHUID CHUIDEACHD THU*
SEISD:— Hb-rb mo chuid chuideachd thu,
Gur muladnch learn uam thu^
CHORUS Hb-rb mo chuid chuideachd thu,
'S tut direadh bheann a's uchdanan,
It'ait learn thu bhi cuidear rium,
iy do chudthrom air moghualainti.
’Nuair chaidh mi do Ghleann-Locha,
’S a cheannaich mi Nic-Cdiseam,
’S mise nach robh gbrach,
’Nuair chuir mi ’n t-6r ga fuasgladh.
Ho-ro mo chuid chuideachd thu, &c.
Thug mi Choire-cheathaich thu,
’Nuair bha mi fhein a’ taghaich ann,
’S tri^ a chuir mi laidhe leat,
Na daimh ’sna h-aidhean ruaha.
Ho-ro mo chuid chuideachd thu, &c.
Thug mi Bheinn-a’-chaisteil thu,
’S do’n fhasach a tha ’n taice ri,
Am Mam is Creag-an-aparain,
Air leacan Beinn-nam-fuaran.
Ho-ro mo chuid chuideachd thu, &c.
Thug mi thn Bheinn dorain,
An cinneadh na daimh chrocach,
’Nuair theannadh iad ri cronan,
Bu bhoidheach learn an nuallan.
Ho-ro mo chuid chu ideachd thu, &c.
Thug mi Choire-chruitear thu,
O’s aite grianach, tlusail e,
Gu biachar, feurach, lusanach,
Bhiodh spurt ann aig daoin-uaisle.
Ho-ro mo chuid chuideachd. thu, <£c.
Ghiiilain mi Ghleann-eit’ thu,
Thog mi ris na creisean thu,
’S e mheud ’sa thug mi speis duit
A dh’fhag mo cheum cho luaiheach.
Ho-ro mo chuid chuideachd thu, <£c.
’S math am Meall-a’-bhiiiridh thu,
Cha mhiosa’m Beinn-a’-chrulaist thu,
’S trie a loisg mi fudar leat,
An coire chill na cruaiche.
Ho-ro mo chuid chuideachd thu, &c.
Thug mi Lairig-gharstain thu,
O’s alainn an coir-altrum i,
’S na feigh a’ deanamh leabaichean
Air Creachainn ghlas a’ bhuachaiil.
Ho-ro mo chuid chuideachd thu, tic.
Thug mi thu do’n Fhas-ghlaic
’S a ghleann am bi na lan-daimh,
’S trie a chaidh an arach
Mu bhraidhe Cloich-an-tuairnear.
Ho-ro mo chuid chuideachd thu, dc.
Chaidh mi dh’ Fheatha-chaorainn,
Le aighear Choire-chaolain,
Far an robh na daoine,
A bha ’n gaol air a’ ghreidh uallaich.
Ho-ro mo chuid chuideachd thu, &c.
Thug mi Bheinn-a’-chaorach thu,
Shireadh bhoc a’s mhaoiseach,
Cha b’eagal gun am faotainn,
’S iad daonnan’s an torr-uaine.
Ho-ro mo chuid chuideachd thu, &c.
’Nuair theid mi ris a’ mhunadh,
’S tu mo roghainn do na gunnachan,
O’n fhuair thu-fein an t-urram sin,
Co nis a chumas uat e?
Ho-ro mo chuid chuideachd thu, dc.
Ged’ tha mi gann a storas,
Gu suidhe leis na poitearan,
Ged’ theid mi do ’n tigh-osda,
Cha n-61 mi ann an cuaich thu.
A song in praise of the bard’s gun.
K. IV. M l

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence