Skip to main content

‹‹‹ prev (147) Page 143Page 143

(149) next ››› Page 145Page 145

(148) Page 144 -
144
iad ag radh gu bheil iad-san ris a bheil ar
gnothach nan luchd - cuideachd math ;
ciod bu mhisde sinn caiptin agus bratach
de shliochd Lag-a-Cheobain 'fhaotuinn
maille-ruinn '? Chomh-aontaich na h-uais-
lean uile leis. Chuireadh gu grad iarrtas
gu riaghladair Alphuirb e a chur caiptin
agus brataich de shliochd Lag-a-Cheobain
g'an ionnsuidh. Gheall iad dha gum
paigheadh iad 's a mhaduinn eirig gach
aoin nach rachadh dachaidh dhiu. Thainig
na chuir iad a dh-iarraidh de Thuath De
Danann, 's thug iad Ian thoileachadh
inntinn do na h-uaislean le feabhas am
fearas-chuideachd. Nuair a chunnaic
Seanailear Seumas so thubhairt e, cha
mhath dhuinn Cormac Saor-chridheach a
bhith bhuainn. Chuir e tìos air agus dh'
fhaighneachd e dheth an robh aon aige
>na bhrataich ris an earbadh e an fhairc
fhad 's a bhiodh e-fein a gabhail greis
de chuideachd Thuatha De Danann.
Fhreagair e-san gun robh aon aige nach
d' rinn mealladh riamh air, a Thoil Fein.
Dh'-fhag e an toil ri faire, agus chaidh
e-fein a ghabhail aighear Thuath De
Danann. Cha robh aon de dh-uaislibh
na h-airde 'n iar nach robh bratach de
dhilsean^fein aige ga dhion 's ga theas-
ruiginn bho Thuath De Danann ; gi

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence