Skip to main content

‹‹‹ prev (394) Page 384Page 384

(396) next ››› Page 386Page 386

(395) Page 385 -
TURAS A CHRIOSDAIDH. 385
ainn chum an d'atharraicheadh bean Lot, a bha dìreach
'na sheasamh rompa ri taobh an rathaid. An sin thug
Sgìth-do'n-t-saoghal buidheachas da air son a dheagh
chomhairle, agus thuirt e gu'm bu mhath dhasan gu'n
d'fhuair e sanus tràth am peacadh ud a sheachnadh
maille ris an dioghaltas a bha galeanmhuinn, le èiseam-
plair bean Lot a nochdadh dha, a bhaair a h-atharrach-
adh gu carragh salainn air son amharc air a h-ais ri
Sodom
A nise chunnaic mi am aisling gu'n deach na h-eil-
thirich air an aghaidh gus an d'ràinig iad abhainn Dhe\
Bha'n rathad abha iad a nis' a' gabhail 'na laidhe an cois
na h-aibhne, agus craobhan a' fàs r'a thaobh a giùlar
gacb seòrsa do mheas taitneach ; bhlais na h-eilthirich
air a' mheas so agus thug e beothachadh mòr dhaibh
dh-òl iad mar an ceudna do dh'uisge na h-aibhne, ann
am beil buaidh, an cridhe fhàgail ni's subhaiche na
dh'fhàgas fion e ; tha mar an ceudna cluaintean glasa
ceutach an cois na h-aibhne so, agus shuidh iad sios
orra car tacain gu fois, agus an sin dh'èirich iad suas gu
triall air an turas, agus thàinig iad fa-dheòigh chum an
rathaid a bha treòrachadh sios gu Daingneach-an-Teag
aimh, a chaidh a leagadh gu làr ri linn turais Chriosd-
aidh. Mar sin chaidh iad seachad air a' chas-cheum
a ghabh Criosdaidh agus Ciatach an uair a ghlacadh mar
phrìosanaich iad le Famhair-gun-dòchas, agus chum iad
an rathad-mòr, agus dh'imich iad air an aghaidh gus an
d'ràinig iad a chum nam Beann Taitneach far an do
ghabh iad fois a rithist, agus ghabh iad blasad anns na
gàraidhean, agus anns na fìon-liosan, ag itheadh gu
saor do'n mheasaich a bha annta.
A nis' air dhaibh dìreadh ri fìreach nam Beann
Taitneach so, thàinig iad fa-dheireadh gu sliabh a bha
air mullach gach slèibhe, air a shuidheachadh os-ceann
gach tulaich eile, agus 'se b'ainm dha Sliabh Taigh an
Tighearna. A nise bha buachaillean ag ionaltradh an
treudan air feadh nam beann sogu lèir, agus bha sluagh
do gach cinneach, treubh, agus cànain a' siubhal sios
2 L

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence