Skip to main content

‹‹‹ prev (391) Page 381Page 381

(393) next ››› Page 383Page 383

(392) Page 382 -
382 TURAS a' chriosdaidh.
tha thusa ann am barail, ach Babilon, baile na
h-Aimhreit agns an Diamhanais ; ged a tha 'n t-slighe
againne a' gabhail troimhe, cha-n eil sinn gu fois a'
ghabhail ann, faodaidh sinn tàmh ann car tacain, ach
cha-n f haod sinn smaointeachadh còmhnaidh ghabhail
ann gu bràth.
Gèilleadh. Shaoil leam o'n tuaraisgeul a thugadh
dhomh air an lerusalem nèamhaidh, gum b'e so an t-àite
gu deimhin ; ach a nise thug thusa làn-dearbhadh
dhomh nach e.
An sin thriall na h-eilthirich air an aghaidh do'n
bhàile, ach dh'f huilig iad iomadh masladh a's ciùradh
air an rathad, a thaobh nan trusgan annasach a bha
umpa, agus a chionn nach robh comharradh an f hiadh-
bheathaich ac' air clàr an aodainn, mar bh' aig a' chuid
ei)e do luchd-àitichidh a' bhaile : uime sin thòisich a
chlann air èigheach riu, agus chruinnich gràisg mu'n
tìmchioll, fòs thilg cuid dhiùsan bu chiaìlaiche bha
sa' bhaile salachair orra, air dhaibh abhi gabhail seachad
air an cuid dorsan ; rinn iad sgeig a's fanaid orra, leis
gach seòrsa sgallais agus mi-chliù, agus bu ro thearc iad
anns a' bhaiìe a ghabh truas riu, no nochd a bheag do
chaoimhneas daibh. Ach cha tug sin a bheag do mhi-
mhisneach do dh'aon diù, ach an t-òganach mu dheir-
eadh ris an do labhair an Duine-spioradail, do'm b'ainm
Geilleadh : bha esan gu deimhin fo dhiobhail misnich
a thaobh an dòigh mhi-shuairc' air an do ghnàthaich
muinntir a' bhaile a chòmpanaich ; agus le dian-chuir-
eadh a bhi air a thoirt dha le duine ro thlà-bhriath-
rach, e cuideachd nan amadan boil-cheannach sin f hàg-
ail, [a' ciallachadh nan eilthireach :] agus còmhnaidh a
ghabhail maille risan, agus gu'm faigheadh e gach ni
gu 'rèir. Ghabh e air ball ris an tàirgse so, thrèig e a
chòmpanaich agus lean e an duine, a dh'ionnsaidhtaigh-
òsda a bh' aig àite na fè"ille, agus chuir an duine an
sin fios air cuid d'a luchd-eolais chridheil, dibhinn fè"in,
a's thòisich iad air pòit a's aighear ; dh-òl iad mar an
ceudna " droch thuras a's tuairgneadh do na h-eilthir-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence