Skip to main content

‹‹‹ prev (385) Page 375Page 375

(387) next ››› Page 379Page 379

(386) Page 376 -
376
TURAS A CHRIOSDAIDII.
an aghaidh air Sion, agus a triall d'a ionnsaidh, mar
tha nii am beachd a tha sibhse a' deanamh aig an àm~
sa, ach tha mi a' faicinn òganach 'n-'ur fochar, agus is
eagal leam nach bi e comasach dol tre dheuchainn an
turais sgìth so, a dh'aon chuid, gu' m fàilinn e air an
rathad, no gu'n tèid e 'thaobh leis an t-Sodalaich : no
gu'n cuir e suas air Feill-an-diamhanais. An sin air dha
tionndadh ri Gè'illeadh, thuirt e ris, Oganaich, is tusa
an tì a ta mi a' ciallachadh : an saoil thu am beil thu
comasach air cumail suas gu ruig an Ierusalem nèamh-
aidh ?
Gèilleadh. Cha-n eil teagamh agam sa' chùis sin, a
dhuine chòir, oir tha mi ga'm mhothachadh fèin ann an
deagh shlàinte, agus cho comasach air an rathad a chois-
eachd ri aon neach sa' chuideachd.
An sin chaidh iad air an aghaidh còladh gus an
d'ràinig iad f àsach mòr, anns am fac iad iomadh frith-
rathad, a dol caochladh ràidean ; agus mar b'e an Duine-
spioradail (a bha deanamh an iùil daibh fad na slighe,)
bha iad air dol a'm mearachd gun teagamh a chum àit-
eigin cunnartach, agus bhiodh iad a dh'aon chuid air am
milleadh le hiasdan fiadhaich, no air an cur am prìosan
leis na famhairean f'uilteach aig an robh an daingnich-
ean togte ann an cùilttan iomallach an fhasaich so.
Thug so orra mòr spèis a bhi acado'n Duine-spioradail,
agus a bhi umhal dà, agus mheas iad e mar an ceann-
iùil; agus choisich iad air an aghaidh gus an d'ràinig
iad àit' anns an robh altair air a togail, agus bha tùis
a' losgadh oirre,agus bha boltrach na tùise ro chùbh-
raidh, ag ath-bheothachadh inntinn nan eilthireach.
An sin, labhair an Duine-spioradail mar so: — " Mo
bhràithrean, feumaidh fios a bhi agaibh gu'm beil am
f àsach so air a chuartachadh le ua-bh&stean, agus mar
an ceudna le mèirlich agus mortairean, spioradan agus
fuathan, leis an gnà droch ionnsaidh 'thoirt air eil-
thirich thruagha'san òidhch', agus air uairibh'san latha:
a nise nan robh sinn air gabhaii slighe sam bith eile ach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence