Skip to main content

‹‹‹ prev (379) Page 369Page 369

(381) next ››› Page 371Page 371

(380) Page 370 -
370 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
a' chxeidimh, (Eph. vii. 16.) a thugadh dha à arm-
thasgaidh an Rìgh. Nise be ainm nan daoine so a bha
'g iomradh anns na bàtaichean, agus a bha tilgeadh
nan saighead air Cogais-mhaoth, Dànadas, Uaill, Fèin-
spè"is, Glòir-dhiamhain, agus Nàire : thilg an duine so
[Nàire] saigbead air Cogais-mhaoth agus leòin ieanns
a' leithcheann, ni a thug air f huil gu le"ir èiridh suas
'na aodann, ach cha d'rinn i tuilleadh dochainn da.
Fa-dheòigh f huair e gu ceann thall na drochaid, agus
bha e an sin seachad air cunnart nan lìon agus nan ribe,
air chor is gu'm b'urrainn e falbh 'na sheasamh, agus
sin air talamh tioram, agus thriall e air aghaidh a' seinn
òrain : —
" 'S iomadh cunnart àmhgharach,
'S cràdh tre'n tàinig mi,
Gidheadh, bha'n Tighearn fàbharach
Do ghnà air uisg a's tìr ;
Ged ghlac an nàmhaid fàth orm
Leinneal bàis a's lìn,
Tha mi fithast sàbhailte
Le feartan gràis mo Rìgh !"
A nise chunnaic mi am aisling gu'n deach Cogais-
mhaoth a steach do Ghleann-sgàil'-a'-bhàis, agus thàinig
an òidhch' air, agus thuislich a chasan anns an dorcha,
agus bha e ann an cunnart tuiteam anns an dìg no
anns a' bhoglach a bha air gach taobh do'n t-slighe, a
bha ro chumhann, ach a thaobh gu'm be meadhon an
t-sàmhraidh a bha ann dh'eirich a' ghrian an ceann
beagan ùine, agus bha solus an latha aige, ni a bha ana-
bharrach sòlasach dha : ged do chunnaic e iomadh
sealladh uabhasach agus eagalach ; oir tha'n gleann 'na
àite dorcha dheth f£in, agus tha neòil dhubha, ghruam-
ach na h-aimhreite do ghnà an crochadh os a cheann,
agus dh'f hàg iad sin, agus am bàs a sgaoil a sgiathan
thairis air a'ghleann so, e cho dorcha is nach eil a'
ghrian a' toirt uaip' ach solus lag, fann : gidheadh, rinn
am beagan soluis a dheàlraich 'san àm Cogais-mhaoth a
threòrachadh tre'n rathad ùdlaidh uabhasach so, far an
robh e cluinntinn fad na h.ùine, mar bha e dol air agh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence