Skip to main content

‹‹‹ prev (360) Page 350Page 350

(362) next ››› Page 352Page 352

(361) Page 351 -
TURAS a' chriosdaidh. 351
gach deagh thoirbheartas, Cruithear agus Fear-coimhiri
a chinne-dhaona gu lèir, air son an cumail suas le nithe
matha na beatha so.
An sin shònraich ah-aon de na h-òighean do'm b'ainm
Slàinte do'n chuideachd dol agus gaoth a' ghàraidh a
ghabhail an deigh an dinnearach ; agus dh'aontaich
càch gu'm bu chòir sin a dheanamh, agus thug Grunnd-
ail, Crionnachd, Cràbhadh, Seirc, agus Measarrachd
Cogais-mhaoth leo chum mullach slèibhe dheth an
d'f huair e sealladh air an dùthaich mu'n cuairt, agus
shuidh iad sìos ann an sin fo sgàile craobh Shicamoir
agus thòisich iad air seanachas as ùr. Dh-fheòraich
Cogais-mhaoth ciod an t-aobhar mu'n robh iad a' còmh-
naidh mar sud an corah-chomunn a chèile, agus ciod
bu riaghailt, agus bu ghnàs beatha dhaibh ? agus
dh'f hreagair Cràbhadh mar so : —
Cràbhadh. 'Nuair a bha sinn òg agus a chòmhnaidh,
aig ar dachaigh, maille r'ar càirdean, bha sinn buail-
teach do dh'iomadh diamhanasagus gòraich, agus air ar
giùlan air falbh le tuil an f hasain ; fòs, a thaobh gu'n
robh sinn dèidheil air cràbhadh o aois ar leanbachd ;
air dhuinn tighinn gu icbhe dh'f hàs sinn sglth dheth
ar n-oideachas feòlmhor, a' cur diamhanas agus amaid-
eachd an t-saoghail air chùl, agus dh'iarr sinn air son
ionad anns am faodadh sinn a bhi cuibhte dhiù sin,
agus sèirbheis a dheanamh do'n Tighearn' a latha agus
a dh'òidhche, anns gach uile naomhachd agus fior-
ghlaine beatha. Mar sin, an deigh mòran rannsach-
aidh, agus dìchill dh'innseadh dhuinn fa-dheòigh gu'n
do thog bean naomh' àraidh do'm b'ainm Creideamh a
taigh ann an so, agus a thaobh gu'n robh spè*is shòn-
raicht' aig rìgh na dùthcha so dh'icheadaich e dh'i àir-
eamh àraid do dh'òighean a bha ddidheil air an t-saoghal
àicheadh a chruinneachadh ri chèile, agus còmhnaidh a
ghabhail maille ri air leth o'n t-saoghal, le banntaibh
naisgte thoirt dhaibh, gu'm biodh iad saor o na cìsean
sònraichte sin, a bha a' chuid eile de 'iochdarannan a'
pàigheadh air chùmhnauta gu'n coimhideadh iad na
reachdan agus na stàtan a chuireadh a' bhean naomha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence