Skip to main content

‹‹‹ prev (358) Page 348Page 348

(360) next ››› Page 350Page 350

(359) Page 349 -
TURAS a' chriosdaidh. 349
an t-saibhreis agus teas ana-mhiann, tha e leaghadh, a
fàs bog agus so-lùbaidh : uime sin is ceart a thuirt aon
o shean, '' Teich o ana-mhiannaibh na h-òige a tha ri
cathachadh an aghaidh an anma." Cha-n eil e 'g ràdh,
seas r'an aodainn agus ouir 'nan aghaidh, ach teich air
falbh uapa. Tha so ann an cuid a' co-f hreagradh ris an
dubhailc choitcheann sin, a tha cho tric agus cho nàr
sa n linn so ; tha mi ciallachadh leis a so, a bhi 'g òl
tuilleadh sa' chòir do dhibh làidir. Tha daoine am
barail gu'm faod iad dol gu tèarainte do chuideachd,
agus pòitearachd a sheachnadh ; agus an uair a tha iad
ann am measg cuideachd, tha iad am barail gu'm faod
iad beagan òl gun chron sam bith a dheanamh dhaibh
fe*in : gun a bhi idir a' toirt fainear gu'm beil am beagan
sin a' toirt misnich dhaibh a chum tuilleadh a ghabhail,
tha gach glaine mar shluigeas iad, a lion beag a's beag a
mealladh air falbh an nearta, agus an rùin a chuir iad
rompa air tùs an aghaidh na pòitearachd ; agus 'nuair
thig iad gu bhi ann an teagamh, cò dhiù a shluìgeas no
nach sluig iad a' ghlainne chorra so, tha iad a' tilgeadb
sios balla-dion an anma, [se sin ri ràdh, an ciall nàd-
urrach fèin,] agusd'a fhàgail fosgailte, chum a thruaill-
eadh le rùitearachd a's tìi-c^ille, a' fuiang do shòlasan
diomhain a' pheacaidh sruthadh mar thuil-bheum a
chum an cridheachan gun dìdean ; mar so a lion beag
a's beag, tha'n t-anam truagh air a long-bhristeadh.
Ann an cùisean mar so, se'n aon ni is fearr, teicheadh
air falbh o'n cheud choltas buairidh; dorsan an anma
'dhùnadh, na ceudfathan a dhion, agus am mac-meanm-
ainn a chumail a steach 'na ionad iomchaidh fèin. Cha
bu chòir do dhuine uibhir agus smaointeachadh a' chuid-
eachd sin a bhi taitneach, no sòlasach, a tha cumail an
ni sin a chuireas slàint' anma an cunnart, no idir an
leantainn le furan, nidheadh, gu'm a fearr leis sfn diùlt-
adh 'nuair a bheir iadsan cuireadh dhàsan ; is mòr gur
fearr dhomh a bhi air mo mheas mi-thaitneach, agus
do-lùbaidh do dhaoine eile na bhi d'a rìreadh mar sin
2h

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence