Skip to main content

‹‹‹ prev (355) Page 345Page 345

(357) next ››› Page 347Page 347

(356) Page 346 -
346 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
" Mar eun a' rib' an eunadaìr
Theich m'anam a's gun chàird,
O shòlas diombuan luchd an uilc
Do'n deireadh guin a*s cràdh.
'S an-èibhinn do na bhuidheann sin
A ghlacàs iad 'nan lion
Ge breagh an lùehairt o'n leth-mach,
Tha 'n taobh a steaeh làn ghiamh ■'"
Fa-dheòigh thàinig e chum an àite anns an robh na
leòghain 'nan laidhe, agus thòsich iad air beuchdail,
cho luath sa' chunnaic iad e, ni a chuir mòr eagal air,
air chor is gun do sheas e gun ghluasad ; ach air dha
cuimhneachadh air na chunnaic e ann an Uamh
Deagh-Chòmhnadh mu thimchioll nan cunnartan air
an tug na saoidhean treun ud buaidh, ghlac e misneach
agus chaidh e gu dàna air aghaidh, a' crathadh a luirg
ris na leòghain,ni athugorra air ball sgurdo bheucaich,
agu3 laidh iad gun ghluasad gus an deach e seachad
orra, agus thàinig e suas chum dorus na lù-cnairt
do'm b' ainm iSgiamhach, far an robh an dorsair 'na
sheasamh, ullamh gu ghabhail a steach ; ach air tùs
dh' fhiosraich e cia as athàinig e, agus c'àite bha e dol.
Cogais-rnhaoth. Thàinig mi a' gleann an Lèir-sgrios
agus tha mi dol a chum Shioin naomha, no'n Ierusalem
nèamhaidh.
Dorsair. An tàinig thu steach air an dorus chumh-
ann a tha aig ceann Slighe na beatha ?
Cogais mhaoth. Thàinig agus dh'iarradh orm leis an
duine Deagh-thoil a tha còimhid an dorais, mi ghairm
aig taigh an Fhir-mhìnichidh.
Dorsair. Seall dhomh do theisteanas, gus am feuch
mi e do dh' aon de na h-òighean, agus ma thaitneas e
rithegabhaidh i staigh thu gu fiallaidh agus nochdaidh
i dhut furmailt an taighe.
An sin tharuinn Cogas-mhaoth a mach a theisteanas
agus thug e do dh' Fhurachar an dorsair e, an sin
bhuail an dorsair an clag air ball, agus thcàinig òigh
do'm b'ainm Grunndail a mach, agus dh'innis an dor-
sair dh'i mu Chogais-mhaoth, agus mu'n turas air an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence