Skip to main content

‹‹‹ prev (352) Page 342Page 342

(354) next ››› Page 344Page 344

(353) Page 343 -
TURAS a' chriosdaidh. 343
bhàis ; na peacaich nis mò mas èirich ni's miosa dhut"
Thug so air Cogais-mhaoth crith a rithist, air chor is
gu'n robh a ghiùinean a' bualadh an aghaidh a che"ile,
agus rinne cabhag gu dol sìos an staidhearach thòisich
an ceòl a rithist air cluich cho binn is gu'n theab nach
b'urrainn e ga fhàgail; ach air dha an tairneanach,
agus an dealanach, agus an guth a chual' e a chuimh-
neachadh chaidh e sios le rùn nach stadadh e a dh-
aindeoin aon ni a dh'f heuchadh ri bhacadh. Air dha
a bhi gabhail tro'n talla chunnaic e bòrd aira chòmh-
dachadh leis gach seòrsa sòghalachd, agus chual e guth
f hleasgach a's òighean air leis a' seinn gu Masta binn, ni
a thug air stad car tacain a rithist a dh'eisdeachd r'an
ceòl. Àn sin thàinig duine far an robh e d'am b'ainm
Craos, agus dh'iarr e air suidhe sios, agus an ni a
b'fhearr leis itheadh, ag innseadh dha gu'n robh am
biodh a bha e faicinn roimh shùilean air a dheasachadh
a dh'aon ghnothach air son luchd-cuairte, agus gu'n
tàinig iomadaidh dhiù-san a bha air an turas gu baile
Shioin, an sin chum comhpairteachadh do shòghalachd
anàite a bha air a thogail air son socair agus toileachas
a thoirt do na h-eilthirich. An sin chuir na fleasgaicb
agus na h-òighean le Craos 'nan òran, feadh a chluich
caochla chruitean ciùil leo ann an co-sheirm agus be
so an t-òran a ghabh iad : —
" Faodaidh luchd.cuairt' an so
Ith', òl 'uscadal,
Oir bithidh iad sàbhailt',
Is an Triath ga 'm faire.
Siùd, siùd, 'f hir bhochd
Gabh thus an so do shàth,
'S na ob am biadh
'S a mhiann ort dol 'na dhàil."
Bu leòr so gu buaidh f haighinn air duine bu chalma
na Cogais-mhaoth, agus cha chuireadh e fe"in an agh-
aidh buaireadh cho mòr mar be gu'n chuimhnich e air
an tairneanach agus air a' ghuth. Mar an ceudna
chùimhnich e air briathran Iosanaomh' a thubhairt: —
" Is emo bhiadhagus mo dheoch-sa toil m'Athar nèamh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence