Skip to main content

‹‹‹ prev (350) Page 340Page 340

(352) next ››› Page 342Page 342

(351) Page 341 -
TURAS a' chriosdaidh. 341
air cuid cadal fad iomadh bliadlma, agus air cuid eile
fad rd am beatha, agus bu ro aineamh iad a b'urr-
ainn dùsgadh, gu n-àraid an ùine ghearr, agus be nàdur
a chiùil gun tugadh e orra bruadairean draoidheil ro
thaitneach fhaicinn, agus iadsan a dh'eugadh 'nan
cadal bha iad air an giùlain a mach le gradaig as an
àite chum ionad àraidh a's an tuiteadh iad sios do loch
an Lèir-sgrios, a ta aig ceann na slighe a' ta treòrachadh
chum na làimhe clìth' aig bun Bruthaich na h-è'igin ;
is loch teine e, agus tha e dion-losgadh o thoiseach an
t-saoghail, agusmairidh emar sin a chaoidhnan caoidh-
ean ! A nise be so crìoch nan truaghan a bha air nm
mealladha chumtaigh Sheasgaireachd-fheòlmhoir, agus
a dh'òl do dh' f hion Neo-mheasarrachd, agus a chuir
amaideas an gnìomh maille ri Guanaig, agus a thuit
'nan cadal maille ri Di-chùimhne,munntir ma dh'eugas
iad 'nan cadal a tha air an tilgeadh anns an loch
theine, ni is e an dara bàs.
Nise thàrladh ged' chaidil Cogais-mhaoth ùine f hada
le e bhi air a thàladh gu suain le fuaim a' chiùil lead-
arra bhinn ud, nach tug iad an aire do'n luirg làidir a
bha aige 'na làimh, agus a thaobh nach robh f hios ac'
air a diamhaireachd, no air a buaidhean iongantach cha
tug iad uaithe i, agus le h-èifeachd fa-dheòigh mhosgail
e às a chadal agus dh'èirich e suas le ioghnadh cia as a
bha 'n ceòl binn so a' tighinn ; agus o'n a bha lòrg 'na
làimh rè na h-ùine a bha e 'na chadal, fa-dheòigh air
dha a bhi tionndadh 'na leabaidh bhuail e buille air
fèin leis an luirg mu na sùilean a thug air dùsgadh.
Ansin thòisich e air gabhail iongantais mu c'àit an
robh e, no cia mar thainig e ann, no ciod an ceòl a bha
e cluinntinn, fa-dheireadh chùimhnich e mar thug
seann duine cuireadh dha chum a thaighe, gu còir
caoimhneiJ, agus mar thug a bhean roinn de a cuid
fiona dha r'a òl, agus mar bha e sùgradh ri Guanaig.
Ach cha b'urrainn da cuimhneachadh cia mar thàinig
e do'n Jeabaidh, ach fa-dheireadh cho-dhùin e gu'n robh
e fo mhisg agus gu'n ghiùJanadh chum na lùchairt e.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence