Skip to main content

‹‹‹ prev (344) Page 334Page 334

(346) next ››› Page 336Page 336

(345) Page 335 -
TURAS A* CHRIOSDAIDH. 335
fion a chum a bheothachadh agus fhàgail ni bu
shunntaiche a chum a' chuid eile do'n bhruthach a
dhìreadh.
O a dhuine f hiùghantaich ! arsa Cogais-mhaoth, na
cuir dragh ort fein air mo shonsa, a thaobh bìdh no
dibhe, oir tha n'a chunnaic mi o'n thàinig mi 'n àite so
araon 'na bhiadh is 'na dheoch dhomh : tha mi g'am
mhothaehadh fein air mo neartachadh leis, agus m'inn-
tinn air a beothachadh cho mòr is gu'm beil mi 'n dùil
gu'n dìrich mi a' chuid eile do'n bhruthach mar air
sgiathaibh.
An sin dh'fhreagair Deagh-chòmhnadh, agusthubh-
airt e, ma tha sealladh lom do na nithe glòrmhor so air
oibreachadh cho chumhachdach ort, nach mògu mòr na
sin a' bhuaidh ris an ion dut dòchas a bhi agad ri ùine, le
ceart smaointinn mu'n timchioll le'n co-chur? Ma tha
lom-shealladh air aghaidh na tìre cho taitneach, nach mò
gu mòr is tarbhaiche a bhi smainteach gur e am baile
tha'n sin air a thaisbeanadh an t-ionad chum am beil thu
triall, agus gu'm bi thu beò an sin gu siorruidh, air do
sgeadachadh agus air do chrùnadh le trusganan agus le
crùintean do ghlòir gu'n chrìoch ? Ach feumaidh mi do
chuir 'na t'fhaicill mu aon ni a thachras riut tacan
an deigh dhut an t-àite so fhàgail, mar is àbhaist
tachairt ris gach fear-cuairt a chunnaic nithe glòrmhor
na h-uaimhe so ; air eagal gu'n bi iad air an àrdachadh
thar tomhas tre shaoibhreas nan taisbeannan ; tha mar
is trice 'sgolb 'san f heòil air a thoirt dhaibh, teachdaire
Shàtain gu'm bualadh, a thaobh nach bu chòir dhaibh
a bhi air an àrdachadh thar tomhas, agus tha e glè
choltach gu'n tachair soriut-sa 'nuair adh' fhalbhas tu
as an àite so. Nise, chum is nach bi thu meath-
chridheach 'nuair a thachras sin, tha mi'n dràsta ga
innseadh dhut, chum le thu bhi air do chuir'na t'ear-
alas gu'm bi thu mar an ceudna 'na t'armachd 'nuair
thig e. Agus tha mi comhairleachadh dhut thu chum-
ail chuimhne do ghnà air eiseamplairean nan saoidh a
tiia thu a' faicinn air an taisbeanadh fa chomhair do

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence