Skip to main content

‹‹‹ prev (294) Page 284Page 284

(296) next ››› Page 286Page 286

(295) Page 285 -
TURAS a' chriosdaidh. 285
bheulthaobh, as an tug e culaidhean do na bochdan
a bha mu'n cuairt da ; gidheadh cha robh a mhìr
aodaich dad ni bu lugha le sin a dheanamh. An sin dh-
fheòrich iad, ciod bu chiall da so ! Thuirt na buachaill-
ean riu, gur ann a bha so a nochdadh dhaibh, nach bi
airc air cridhe fial, no dì air an làimh a bhios fiùghant-
ach do'n bochd agus do'n fheumach. Gheibh esan a
bhios tabhartach ni fa-chomhair fheuma. Agus cha
bu lughaid min na banntraicha' bhreacag a thug i do'n
fhàidh.
Thug siad iad an sin, a dh' ionnsaidh àite far am
fac iad Amadan, agus Fear-gun-tùr, a nigheadh Etiop>
ach, chum a dheanamh geal : ach mar bu mhòid a
nigheadh iad e, 's ann bu duibhe a dh' fhàsadh e. An
sin dh' fheòraich iad ciod a bha so a' ciallachadh ?
Agus dh' innis iad dhaibh, Gur amhail a thacair do
gach neach truaillidh : gu'm bi gach meadhon a ghnàth-
aichearchum deagh ainm achosnadhdha na impidh air
fhàgail ni's gràineile. B' amhail a bha na Phairisich,
agus 's amhail a thachras do gach cealgair.
An sin thuirt Tròcair, bean Mhata, ri màthair-chèile,
bu ghean-math leam, nan ceadaichte e, gu'm faicinn an
dorus a th' air an leacainn, ris an abrar gu coitcheann
an leth-rathad chum ifrinn. Dh' innis a màthair-
chèile a h-iarrtas do na buachaillean. An sin chaidh
iad a chum an doruis,ni a dh' fhosgail iad, agus thuirt
iad ri Tròcair, i dh' èisdeachd rè seal ; Mar sin dh' èisd
i, agus chual i aon ag ràdh, Mo mhallachd do m'
athair a chum air m' ais mi o shlighe na sìth' agus na
beatha ; agus thuirt neach eile, Och nach rob mi air mo
reubadh às a chèile, mu'n do chaill mi m' anam a shaor-
adh mo bheatha ; agus thuirt neach eile, nam bithinn
a rithist an toiseach mo bheatha, 's mi a chaitheadh i air
mhodh a shaoilinn nach toilleadh an t-àite so. Bha 'n
talamh mar gu'm b'ann air chrith foipe le osnaich
agus le gearan cràiteach ; ni a chuir eagal mòr air
Tròcair, agus thàinig i air falbh uaithe, air bhall-crith,
ag ràdh, is sona gach neach a shaorar o'n àite so.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence