Skip to main content

‹‹‹ prev (247) Page 237Page 237

(249) next ››› Page 239Page 239

(248) Page 238 -
238 TURAS a' chriosdaidh.
ni-eigin air an t-slighe romhainn, ni nach fhaca mi a
choltas roimhe. An sin thuirt Ioseph, A mhàthair
chridhe ciod a th'ann ? Tha ni grànda, duaichnidh,
ars' ise. Ach cò ris a tha e coltach ? ars' esan. Cha'n
urra mi innseadh ciod is coltas da, tha e cho neònach ;
agus tha e nise ro dhlù dhuinn.
Thuirt Misneachail, fanadh iadsa is mò air am beil
a dh' eagal dlù dhomhsa. Agus thàinig an uilebheist
air aghaidh, agus chaidh am fear-iùil na chòdhail ; ach
an uair a thàinig e far an robh e, chaidh e às am fradh-
arc mar fhaileas : An sin chùimhnich iad mu na chaidh
a ràdh; " Cuiribh an aghaidh an diabhoil, agus teichidh
e uaibh." Seumas iv. 7.
Chaidh iad an sin tamall beag eil' air an aghaidh le
sàr mhisnich; ach cha b' fhada chaidh iad gus am faca
Tròcair, le sùil a thug i 'na dèigh, mar gu'm biodh leògh-
an air an tòir; agus bha e 'sanlanganaich a' teannadh
ga'n còir ; agus cha robh raoichd a dheanadh e nach
freagradh mac-talla nan creag dha, agus bha iadsan uile
ga'n crùbadh leis an eagal, ach am fear-iùil. Thàinig e
n sin sa' bheucaich far an robh iad, agus chaidh Mis-
neachail air deireadh na cuideachd, agus chuir e càch
air thoiseach air: Thachair an leòghan agus Mis.
neachail aghaidh ri h-uchd, agus bha Misneachaila' dol
a thoirt ionnsaidh air, (1 Pead. v. 8, 9.) Achan uaira
thuig an leòghan nach robh coltas gè"illeadh air an
f hear-iùil, shiap e air falbh, agus cha tàinig e ni b'fhaide.
An sin dh'imich iad a rithist air an aghaidh, agus
dh'imich Misneachail air an toiseach, gus an d'ràinig
iad ionad anns an robh sloc domhainn air a chladhach
ropa air an t-slighe ; agus mu'n d'f huair iad dol thairis,
thuit dalla-cheò agus dorchadas mu'n cuairt daibh, air
chor 's nach bu le"ir dhaibh. An sin thuirt an luchd-
turais, Mo thruaighe ! ciod a ni sinn a nise. Ach
fhreagair am fear-iùil iad, Gu'n eagal a bhi orra, ach
iad a sheasamh mar bha iad, 's gu'm faiceadh iad mar
thigeadh crìoch air a' so mar an ceudna: Dh'f huirich
iad an sin a chionn gun deach an t-slighe a mhilleadh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence