Skip to main content

‹‹‹ prev (244) Page 234Page 234

(246) next ››› Page 236Page 236

(245) Page 235 -
turas a' chriosdaidh. 235
Thuirt mi gu'n robh taigh-sàmhraidh roimhe so aig
ar Triath 'san àite so, agus gum b'ionmhuinn leis a bhi
sràidimeachd ann. Their mi a bharrachd air a sin, gun
d' f hàg e san àite so, agus acasan a tha 'g àiteachadh an
ionaid so, na h-urrad sa' bhliadhna, chum bhi diong-
mhalt air àmaibh àraidh, chum am beathachadh air an'
t-slighe, 's a thoirt an tuilleadh misnich dhaibh gu falbh
air an turas.
An uair a bha iad mar so ag imeachd, thuirt Somh-
airle ri Misneachail, tha mi tuigsinn gur h-ann sa
Ghleann so, bha'n cath eadar m' athar agus Apolion :
ach c'àit' an robh e, oir tha mi faicinn gu'm beil an
gleann farsainn ?
Misneachail. Bha'n cath eadar t'athair agus Apolion
aig ionad àraidb a tha romhainn, aig bealach cumhang,
an taobh thall de dh' Fhaiche-na-di-chùimhne. Agus gu
deimhin 's e'n t-àite sin ionad is cunnartaich a tha 'sna
crlochan sin uile ; oir ma thig aig àm sam bith sgiorr-
adh an caramh luchd-turais, 's ann an uair a dhi-
chùimhnicheas iad na sochairean a f huair iad, agus cho
neo-aithrigh 's a tha iad air am faotainn, a thachras sin.
'S ann an so cuideachd a fhuair iomadh neach cruaidh
dheuchainn. Ach innsidh mi'n tuilleadh uime 'nuair a
thig sinn da ionnsaidh ; oir 'si mo bharail gu'na beil
gus an latha 'n duigh ni-eigin a làthair a nochdas far
an robh an cath, no cùimhneachan eigin air a' chursuas
mar dhearbhadh gur ann an sin a chuireadh an cath.
An sin thuirt Tròcair, Air leam gu'm beil mi cho
ceart sa' ghleann so 's a bha mi'n aon àite fad ar turais.
Tha'n t-aite co-f hreagradh do m' inntinn ; is taitneach
leam a bhi far nach eil tailmrich charbad no srannraich
each. Faodaidh aon, san àite so, smuaineachadh ciod e
e fe"in, cho às a tbàinig e ? ciod a rinn e ? agus ciod gus
an do ghairm an Rìgh e ? Faodaidh aon smuaineachadh
san àite so, a chridhe a leaghadh, inntinn a mhaothach-
adh, gus am fàs a shùilean mar loch-e'isg Hesboin.
(Dàn. vii 4.) Tha iadsan a thenì gu ceart tre Ghleann

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence