Skip to main content

‹‹‹ prev (242) Page 232Page 232

(244) next ››› Page 234Page 234

(243) Page 233 -
TURAS a' chriosdaiph. 233
na'n amaiseadh sinn air an àite, mar faodamaid tachairt
air ni-eigin a leigeadh ris duinn c'arson achaidh Criosd-
aidh a chuir thuige cho chruaidh 'ann.
An sin thuirt Seumas r'a mhàthair, Tha carragh an
sud 'na sheasamh, agus chì mi mar gu'm biodh ni-eigin
sgrìobht' air ; rachamaid a dh' f haicinn ciod a th' ann.
Chaidh iad a dh'fhaicinn, agus chunnaiciad a' chainnt
so a leanas sgrìobht' air : — " Biodh na tuislidhean
A FHUATR CRIOSDAIDH MU'N 'TAINIG E 'n SO, AGUS
NA CATHAN a thachair ris 's an àite so 'nan
SANAS DO DHAOIN' EILE A THIG 'NA DHEIGH."
Feuch, ars' am fear-iùil, nach d'innis mi dhuibh gun
robh ni-eigin mu'n àite so r'a f haicinn a bheireadh fios
duinn c'arson a thàinig deuchainn cho cruaidh air
Criosdaidh ? Cha tàmailt sin do Chriosdaidh ni 's mò
na do dh' iomadh neach eile gu'n do thachair e'san ionad
so. Oir 's usa am bruthach so a dbìreadh na thear-
nadh, ni nach do thachair do bhruthach sam bith eile
'sna crìochan so. Ach fàgaidh sinn a nis' an duine
math a mhealtainn a shuaimhneis, oir thug e buaidh
ghaisgeil air a nàmhaid : Gu'n deònaicheadh Dia nach
eirich ni's measa dhuinne, 'nuair a thig deuchainn oirnn.
Ach thig sinn a rithist do Ghleann-na-h-Irisleachd
so. Is e mìr fearainn is fearr agus is feumaile anns na
crìochaibh so uile. Tha e 'na thalamh reamhar, agus,
mar chì sibh, tha e mar is pailte 'na chòmhnard : agus
'nan tigeadh duine ann an àm an t-sàmhraidh, mar a
tha sinne, cha b'urrainn egun taitinn ris. Faicibhcho
gòrm 's a tha 'n gleann so, agus cho maiseach 'sa tha e
le lilidhean. (Dàn. ii. 1.) B'aithne dhomhsa iomadh
fear obair a fhuair deagh oighreachd an Gleann-na-
h-Irisleachd so; oir tha Dia a' cur anaghaidh an uaibh-
rich, ach a' toirt an tuille gràis do'n iriosal ; (Seum. iv.
6; 1 Pead. v. 6,) oir tha gu deimhin an talamh ro
thorach. Bha cuid a' guidhe, gu'm b'e so an t-ath-
rathad gu taigh an Athar, chum nach cuirte dragh
tuilleadh orra le beanntaibh no le slèibhtibh chum an
imeachd ; ach 's digin an t-slighe ghabhail far am bi i.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence