Skip to main content

‹‹‹ prev (220) Page 210Page 210

(222) next ››› Page 212Page 212

(221) Page 211 -
TURAS A CHRIOSDAIDH. 211
h-e'm bnathach a thearnadh is deacaire r'a dbeanamh.
'S math an gille thu, arsa' Misneachail, thug thu deagh
f hreagradh dh'i. An sin rinn Tròeair gàire, ach bha
nàire air an leanabh.
Bana-chriosdaidh. Thigibh agus ithibh grèim, am
feadh a tha sibh a' gabhail fois. Oir tha'n so mìr do
ghràn-abhall, a thug am Fear-mìnichidh dhomh, maille
ri meall do chìr-mheala, agus searrag dhibhe. Bha mi
meas, arsa Tròcair, gun tug e ni-eigin dut, a chionn
gun d'rinn e guth aleth-taobh riut. Rinn e sin, thuirt
an te' eile : Ach mar thuirt mi riut an toiseacb, bithidh
agadsa co'-roinn do gach math a gheibh mise, a chionn
gun d'fhalbh thu cho toileach leam. An sin thug i do
Thròcair agus do'n chloinn, agus dh' ith iad deth :
Agus thuirt i ri Misneachail, an gabh thu co-roinn
leinne ? Ach freagair e, gu'n robh iadsan a' dol a
thriall air an turas, agus tha mise ri pilleadh dhachaigh
gun da.il ; gu ma math a ni e dhùibh fe'in. Cha n-eii
e na annas domhsa, tha mi 'g ithe a leithid gach latha
aig an taigh. An uair a dh'ith agus a dh'òl 's a rinn
iad beagan cainnt r'a che'ile, thuirt am fearr iùil riu,
Gu'm b' àm dhaibh a bhi falbh, ma bha iad ga f haicinn
iomchaidh. Leis a sin dh'imich iad agus chaidh a
chlaun air thoiseach orra; ach dhi-chùimhnicha' Bhana-
chriosdaidh a searrag dhibhe a thoirt leatha; agus
chuir i fear de'n chloinn ga h-iarraidh. Thuirt Trò-
cair, cha chreid mi nach ionad calldaich an t-àite so.
'S ann an so a chaill Criosdaidh a sgrìobhadh ; agus 's
ann an so a dh' fhàg a' Bhean a searrag 'na deigh.
Ciod a dhuine isaobhar dhaso ? Fhreagair am fear-
iùil i, gun robh e a' tachairt o chadal no o dhì-chùimhn ;
tha cuid a' cadal 'nuair bu chòir dhaibh bhi 'nan dùisg ;
agus tha cuid a dearmad 'nuair bu chòir dhaibh
cùimhneachadh ; agus 'se so a' cheart aobhar mu'm
beil cuid do luchd-turais, aig na h-ionadaibh-suidhe, a'
tighinn deth sa' chall. Bu chòir do luchd-turais a bhi
ri faire, agus a' chùimhneachadh na fhuair iad cheana
r'a mhealtainn ; ach le cion sin a dheanamh, 's minig a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence