Skip to main content

‹‹‹ prev (213) Page 203Page 203

(215) next ››› Page 205Page 205

(214) Page 204 -
204 TURAS A CHRIOSDAIDH.
dealachadh ri fior-ghloine a ghnè mar dhuine ; ma
dhealaicheas e r'a threas fìreantachd, dealaichidh e ris
an iomlanachd sin leis am beil e iomlan air son
dieuchd eadar-mheadhonair. Tha fìreantachd eile
aige, a tha co-sheasamh ann an co-lionadh noùmhlachd,
eadhon. toil f hoillsichte ; agus is i so a tha e cur air
peacaich, leis am beil am peacannan air am falach : Air
an aobhar sin tha e 'g ràdh, Mar trìd eas-umlachd aon
duine a rinneadh mòran 'nam peacaich ; is amhail sin
tre ùmhlachd aon duine a nithear mòran 'nam fìrean-
aibh. Rom. v. 9.
Bana-chriosdaidh. Ach am beil feum sam bith 'sna
flreantachdaibh eile dhuinne ?
Misneachail. Tha ; oir ged a tha iad feumail d'a
ghnèibh agus da dhreuchdaibh, agus nach faodar am
pàirteachadh ri neach eile, gidheadh 's ann trìd am feart-
san a tha'n f hìreantachd a dh'fhìreanaicheas air son sin
tarbhach. Tha fìreantachd a Dhiadhachd a' buileach-
adh feart air ùmhlachd ; tha f hìreantachd mar dhuine
a' buileachadh cumhachd air ùmhlachd a dh'fhìrean-
achadh ; agus tha'n f hìreantachd a tha co-sheasamh
ann an aonachd an dà ghnè sin ra dhreuchd, a' buil-
eachadh ùghdarrais air an fhìreantachd sin a chum
deanamh na h-oibreach air son an deach a h-òrduchadh.
Than' so f ìreantachd ma ta nach eil mar Dhia feum-
ail do Chriosd, oir is Dia e as a h-eugmhais ; Tha'n so
fìreantachd nach eil mar dhuine feumail do Chriosd,
oir tha e as a h-eugmhais 'na dhuine iomlan. A rithist
tha'n so fìreantachd nach eil feumail do Chriosd, da
thaobh fèin mar Dhia agus mar dhuine, agus uime sin
faodaidh e a seachnadh mar fhìreantachd a dh'f hìrean-
aicheas, air nach eil feum aige fe"in ; agus air an aobhar
sin tha e ga toirt seachad ; uaithe sin theirear tabhartas
na fìreantachd ris. Is èigin ma ta an fhìreantachd so
a thoirt seachad, o'n a rinn Iosa Criosd an Tighearn e
fe*in fo'n lagh ; oir cha'n e a mhàin gu'm beil an lagh
t' cur mar fhiachan air-san a tha fodha, ceartas a'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence