Skip to main content

‹‹‹ prev (197) Page 187Page 187

(199) next ››› Page 189Page 189

(198) Page 188 -
188
TURAS A CHRIOSDAIDH.
Fear-cobhrach. Thuirt am Fear-cobhrach riu, b'iogh-
nadh leamsa, 'nuair a t 'huair sibh gabhail ruibh cho math
aig a' gheata gu h-àrd, air dhuibh fios a bhi agaibh
nach robh sibh fè*in ach lag, nach d'iarr sibh air an
Tighearna fear-iùil a chur leibh ; an sin dh' f haodadh
sibh an cunnart agus an trioblaid so a sheachnadh ; oir
dheònaicheadh e dhùibh e.
Bana-chriosdaidh. Mo thruaighe ! arsa Bhana-
chriosdàidh, bha sinne cho toilichte leis a chaoimhneas
a f huair sinn, 's nach robh guth againn air aon chunn-
art a bha romhainn. A bharr air sin, cò shaoileadh
gn'm biodh daoine cho mallaichte cho dlù air lùchairt
an Rìgh ? Gu deimhinn bu mhath dhuinne gu'm
bitheamaid air iarraidh aon a chuir leinn : ach 's
ioghnadh leam nach do chuir ar Tighearn e fèin aon
ann, o'n a bha fios aige gun robh sin feumail !
Fear-cobhrach. Cha n-eil e daonnan iomchaidh ni
thoirt seachad gun iarraidh, air eagal lesin a dheanamh
nach bi ach beag meas air ; ach an uair a mhothaichear
gu'm beil ni a dhìth air neach, bithidh meas air an sin,
agus iarrar an deigh sin e. Nam builicheadh an
Tighearna Fear-stiùraidh oirbhse, cha bhiodh sibh san
àm a' caoidh na di-chùimhn a rug oirbh a chionn nach
d'iarr sibh e, mar tha aobhar agaibh an dràsda a'
dheanamh. Mar so tha gach ni ag oibreachadh a chum
'ur math, agus g'ur deanamh faicilleach.
Bana-chriosdaidh. Am pill sinn a rithist chum an
Tighearna, a dh' aideachadh ar n-amaideachd agus a
dh'iarraidh air aon a chur leinn ?
Fear-i obhrach. Cuiridh mis' an cèill da mar tha sibh
ag aideachadh 'ur n-amaideachd : Agus cha ruig sibh a
leas dol air 'ur n-ais; oir gheibh sibh pailteas anns
gach ionad chum an tig sibh ; oir cha n-eil uireasbhuidh
sam bith dhiu sin aig gach ionad tàimh a dh'ullaich
mo Thighearna, chum luchd-turais a ghabhail astaigb.
Ach mar a thuirt mi, 's math leis gun iarrar na nithe
sin air, agus 's olc an ni nach fiù iarraidh, (Esec. xxxvi.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence