Skip to main content

‹‹‹ prev (191) Page 181Page 181

(193) next ››› Page 183Page 183

(192) Page 182 -
182 TURAS A CHRIOSDAIDH.
An d'iarr i ort teachd leatha chum an àite so ?
Trocair. Dh' iarr i ; agus thainig mi, mar tha m:
Thriath a' faicinn ; agus ma tha bheag do ghràs, no do
mhathanas peacaidh r'a sheachnadh, guidheam ort gu'm
faigh do bhan-oglach cuibhrionn diù
Ansin ghabh e a rithist a làmh, agus threòraich e gu
fòill a staigh i, agus thuirt e, Tha mi guidhe as an leth-
san uil' a chreideas annam, ge b'e seòl air an tig iad am
ionnsaidh. An sin thuirt e riusan a bha 'nan seasamh
a làthair, thugaibh ni-eigin d'a h-ionnsaidh, cum gun
cuir f hàileadh p laigse air falbh . agus thug iad bad de
luibhean chùbhraidh dh'i, agus dh' ath-bheothaich i.
Bha nis' a' Bhana chrio daidh, a clann, agus Tròcair
air an gabhail a staigh leis an Tighearn a th' aig ceann
na slighe, agus labhair e gu caoimhneil riu. An sin
thuirt iad a bharrachd ris, tha sinn dubhach air son ar
peacaidh, agus tha sinn ag iarraidh mathanas air ar
Triath air an son, agus an tuilleadh fiosrachaidh rau
ni's còir dhuinn a dheanamh.
Dhecnaich mi mathanas duibh, ars' esan, an guth
agus an gnìomh; anguthle gealladh air mathanas: an
gnìomh leis a mhodh air an dh' f'huair mi e. Grabhaibh
a' cheud chuid o m' bhilibh le pòig, agus an ni eile mar
dh' fhoillsichear e. Dàin i. 2. Eoin xx. 20.
A nise chunnaic mi am aisling, gun do labhair e iomadh
deagh fhacal riu, leis an robh iad ro ait. Thug e suas
iad gu braidhe a' gheata, agus nochd e dhaibh an gnìomh
a bha r an saoradh; agus thuirt e riu gun rachadh sin
a leigeadh ris daibr air an t-slighe chum sòlas a thabh-
airt daibh.
Le so a radh dh'f hàg e rè tamall beag iad ann an
seòmar làir,far an do thòisich iad air còmhradh ri che'ile:
Agus mar so thuirt a' Bhana-chriosdaidh, O Thigh-
earna ! 's aoibhneach mi gu'n tàinig sinn an f headh so !
Tròcair. 'S math is còir dhut sin : ach tha 'm barr-
achd aobhair gàirdeachais agamsa na th' aig aon neach
eile.
Bana- Chriosdaidh. Shaoil leam aon uair an trà bha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence