Skip to main content

‹‹‹ prev (180) Page 170Page 170

(182) next ››› Page 172Page 172

(181) Page 171 -
TDRAS A" CHRIOSDAIDH. 171
tròcaireach mis' a t' ionnsaidh a dh'innse dhut, gu'm
beil e na Dhia ullamh gu mathanas a thoirt seachad,
agus a' gabhail tlachd ann an cionta a mhathadh.
B'àill leis gu'm biodh, mar an ceudna, fios agad, teachd
'na f hianais, co'pairt a ghabhail d'a bhòrd, agus gu'm
beatbaich e thu ]e nithibh math' a theach, agus le
oighreachd Iacoib t'athar.
An sin tha Criosdaidh a bha 'na fhear-pòsd agad,
maille ri cuideachd gun àireamh d'a chòmpanaich, a'
sìor amharc na ghnùise sin a tha buileachadh beatha
orrasan a chì i : agus bithidh aiteas orr' uile 'nuair a
chluinneas iad fuaim do chas thar starsach an Athar.
Bha faitcheas mòr air a' Bhana-Chriosdaidh 'nuair
chual' i so, agus chrom i ceann ri làr. Thuirt an aoidh
rithe, Tha 'n so litir a thug mise t' ionnsaidh o Rìgh
t'fhir: mar so ghabh i 'n litir agus dh'fhosgail si i;
agus bha a bòltrach ro-chùbhraidh. Bha i air a
sgrìobhadh ann an òr, agus 's e bu bhrìgh dh'i,
" Gum b'e toìl an Rìgh gu'n deanadh i a rèir mar rinn
Criosdaidh afear, a chionn gu'ra b'e sin an dòigh air
teachd chum a hhaile-san, agus gu'n gabhadh i còmh-
naidh am feasd *na fhianais-san le gàirdeachas." Le so
a leughadh bha i ann an aiteas ro-mhòr: agus thuirt i
ris, Am bi thusa cho math agus gu'n iomchair thu mise
agus mo chlann leat, chum gu'n tabhair sinne mar an
ceudna aoradh do'n Rìgh.
An sin thuirt an t-aoidhe rithe, 'S eigin gu'm bi an
searbh air thoiseach air a' mhilis. 'S fheudar dhut dol
troimh chruaidh-chàs, mar rinn e-san a chaidh air thois-
each ort, chum dol a steach do'n bhaile nèamhaidh.
Air an aobhar sin chomhairlichinn dut a dheanamh
mar rinn Criosdaidh t'f hear, Imich chum an doruis
chumhann a tha taobh eile a chòmhnaird ud, oir tha e
aig ceann na slighe san eigin dut imeachd ; agus guidh-
eam deagh shoirbheachadh leat. Chomhairlichinn dut
mar an ceudna an litir sin a chuir a d' bhroileach, chum
gu'n leugh thu-fèin agus do chlann i gus am bi i agaibh
air 'ur meoghair, Oir is e na h-innte aon de na h-òranan

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence