Skip to main content

‹‹‹ prev (149) Page 139Page 139

(151) next ››› Page 141Page 141

(150) Page 140 -
140 TURAS A CHRIOSDAIDH.
thu gu'm b'e do Mhac losa Criosd Slànaighear a chinne-
dhaona : agus osbarr, gu'm bheil thu deònach a
bhuileachadh ormsa a ta am pheacach bochd, caillte
dhiom fèin ; a Thighearna ma ta glac an cothrom so,
agus àrdaich do ghràs ann an saoradh 'm anma, trid do
Mhic Iosa Criosd, Amen." Mat. xi. 28; xxiv. 25.
Sàlm. xcv. 6. Dan. vi. 10. Ier. xxxi. 10, 11. Ecsod.
xxv. 22. Lebh. xvi. 9. Air. xi. 7, 8. Eabh. iv. 0".
Criosdaidh. Agus an d'rinn thu mar chaidh iarr-
aidh ort ?
Ciatach. Rinn, A rithist, a rithist, agusa rithist.
Criosdaidh. Agus an dh'fhoillsich an t-Athair am
Mac dhut ?
Ciatach. Cha d'fhoillsich, A' cheud uair, no'n
dara h-uair no'n treas uair, no'n ceathramh uair, no'n
cùigeamh uair ; no'n seachdamh uair cuideachd.
Criosdaidh. Ciod a rinn thu'n sin ?
Ciatach. Ciod a rinn mi ! Cha b' aithne dhomù
ciod a dheanainn.
Criosdaidh. Nach robh thu smuainteach' air sgur
do dh' ùrnaigh ?
Ciatach. Bha iomadh uair.
Criosdaidh. Agus c'airson nach d'rinn thu sin ?
Ciatach. Chreid mi gu'n robh na chaidh a ràdh rium
fior, eadhon, As eugmhais fìreantachd Chriosd, nach
robh an saoghal air fad comasach air mo shaoradh ;
agus uime sin smuaintich mi annam fdin, ma leigeas mi
dhiomabhi 'g ùrnaigh, thèid mi dhìth, agus cha'n èirich
ni 's measa na sin domh aig cathair nan gràs. Agus
chùimhnich mi air so, ged a ni e maille, feith ris ; oir
gu deimhin thig e, cha bhi e air dheireadh. Mar so
bhuanaich mi ann an ùrnaigh gus an dh'fhoillsich an
t-Athair am Mac dhomh. Hab. ii.3.
Criosdaidh. Agus cionnas a bha e air fhoillseach-
adh dhut ? Ephes i. 18, 19.
Ciatach. Chan f haca mi e le m' shùilean corporra,
ach le sùilean mo thuigse ; agus b' ann mar so a thaoh-
air: Bha mi aon là ro-dhubhach, air leam ni bu duou-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence