Skip to main content

‹‹‹ prev (142) Page 132Page 132

(144) next ››› Page 134Page 134

(143) Page 133 -
TURAS a' chriosdaidh. 133
chuir mi roimhe cùl, le dùil ris an ni a tha mi tuigsinn
nach eil idir ann.
An sin thuirt Criosdaidh r'a chòmpanach, an saoil
thu m' beil n'a tha'm fear so 'g ràdh fior ?
Ciatach. Thoir an ro-aire, is aon de na sodalaich
a th'ann : cùimhnich na thainig oirnn chean' an co'-lorg
èisdeachd ri fear dhiu. (2 Cor. v. 7- ) Ciod e ? an e
nach eil Beinn Shioin ann ? Nach faca sinn o na
slèibhtibh taitneach dorus a' bhaile ? Nach an a tha
sinn ri gluasad a rèir creideimh ? Air ar n-aghaidh
dhuinn, arsa Ciatach, mu'n tig fear an sgiùrsair a
rithist oirnn.
Sann bu chàra dhutsa sin f hòghlum dhomhsa, a tha
mis' ag innseadh dhutsa. Sguir a mhic a dh' èisdeachd
ris an teagasg a chuireas air seacharan o bhriathraibh
an eòlais, (Gnà. xix. 27.) Tha mi 'g ràdh, Sguir a
dh' èisdeachd ris, agus creideamaid chum slànachaidh
an anma. Eabh. x. 39.
Criosdaidh. A charaid, 's am a chuir mi cheist ort
gu d' dhearbhadh, cha'n e gu'n robh teagamh sam bith
agam fèin sa 5 chùis. Tha fios agam gu'm beil an duine
so air a dhalladh le dia an t-saoghail so, Rachamaid
air ar n-aghaidh do bhrì gur aithne dhuinn an f hìrinn,
agus cha n-eil breug sam bith o'n fhìrinn. 1 Eoin. ii. 21.
Ciatach. Tha mi nis' a' deanamh gàirdeachais an
dòchas ri glòir Dhè : Agus dh'f halbh iad o'n dtiine ;
agus rinn e gàire riu, agus dh' imich e air a shlighe
fèin.
Chunnaic mi 'n sin am aisling, gun deach' iad airan
aghaidh gus an d'ràinig iad gu dùthaich àraidh, a bha a
f àileadh ullamh gu duine fhàgail neo-shunntach ach e
thighinn 'na choigreach innte. Agus thòisich ( liatach ri
bhi ro-throm, agus deònach air cadal : agus thuirt e ri
Criosdaidh, tha mi cho ro-throm neo-shunntach, 's gur
gann is urrainn domh mo shùilean fhosgladh; leagam-
aid sinn fè"in 'n-ar sìneadh, agus deanamaid beagan
cadai).
N

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence