Skip to main content

‹‹‹ prev (111) Page 101Page 101

(113) next ››› Page 103Page 103

(112) Page 102 -
102
TURAS A CHRIOSDAIDH.
ach bha e air a chall, air a thilgeadh air falbh, agus 'na
oighre air lè"ir-sgrios.
Sa' cheathramh àite. B'e so creideamh a bh' aig
Simon an drùidh cuideachd ; oir b'àill leis an Spiorad
Naomh f haotainn chum gu'm faigheadh e airgead air a
shon ; agus bha' bhinn o bheul Pheadair da re"ir sin.
Gnìomh. vii. 19—22.
Sa' chùigeamh àite. Cha mhò a shaoileas mi, am
fear a ghabhas creideamh an t-saoghail, nach cuir e cùl
ri creideamh air son an t-saoghail ; oir ceart cbo cinn-
teach 's a bha mhiann air Iudas an saoghal f haotainn
le fàs diadhaidh, is ni cho cinnteach gu'n do reic e a
mhaighstear agus diadhachd air son an ni ceudna. Agus
tha a' cheist a' fhreagradh a rèir bhur beachdsa, as-
chreideach, cealgach, agus mallaichte, agus bithidh
bhur duais a reir bhur n-oibreach. An sin sheas iad
a' dùr-amharc air a chèile, gun fhacal ri ràdh aig fear
seach fear dhiù. Thaitinn e gu sàr-mhath ri Ciatach
mar fhreagair Criosdaidh iad, agus bha tosd mòr 'nam
measg. Thriall Ghabhannach agus na bha leis air an
adhais, chum gum faodadh Criosdaidh agus Caitach am
f àgail. An sin thuirt Criosdaidh r'a chòmpanach, mar
urrainn na daoine sin seasamh am fianais dhaoine, ciod
a ni iad 'nuair a bheir Dia breth orra ? Agus ma tha
iad 'nan tosd le comhreusanachadh dhaoine bàsmhor,
ciod a ni iad 'nuair a bheir lasraichean dian-loisgeach
an teine shiorruidh geur-achmhasan daibh.
An sin dh' f hàg Chriosdaidh agus Ciatach a rithist
iad, agus dh'imich iad air an aghaidh gus an tàinig iad
rèidhlean còmhnard, d' an goirear Socair, far an do
choisich iad gu fior thaitneach; ach cha robh an còmh-
nardsin achaimhleathan, agus chaidh iad thairisair ann
an ùine ghearr. Ach bha aig ceann thall achòmhnaird
ud tulach beag da'm b'ainm Cnocan-tarbach agus anns
a' chnocan sin bha mèin-airgeid, a chaidh cuid do na
dh'imich rompa-san, a dh'fhaicinn athaobh iongantais;
ach air dhaibh dol tuilleadh 's dlù air beul an t-sluic,
agus an talamh a bhi fàs fòpa, ghèill e, agus leis

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence