Skip to main content

‹‹‹ prev (98) Page 88Page 88

(100) next ››› Page 90Page 90

(99) Page 89 -
TURAS A CHRTOSDAIDH. «9
's ann a bha iadsan a bha gabhail leinn air an aomadh
gu sin a dheanamh, le fhaicinn cho neo-chiontach 'sa
bha sinn ; agus sann a chuir iad cùl ris an olc chum
cùis is fearr. Agus mu dhèighin an rìgh a tha sibh ag
ràdh, o'u is e sin Beelsebub, nàmhaid ar Triath-ne, tha
mi toirt dhùlan d'a f&n agus da' chuid aingeal."
An sin chaidh gairm follaiseach a thoirt, Gu'n
tigeadh iadsan aig an robh a bheag ri ràdh an aobhar
an tighearn an rìgh, an aghaidh a' phrìosanaich a bh'
air beulthaobh a' bhreitheimh, air an adhart, chum
fianais a thoirt 'na aghaidh. Uime sin thainig triùir
f hianaisean, Farmad, Saobh-chràbhadh, agus Doicheall.
Chaidh fheòraich dhiù am b' aithne dhaibh am prìos-
anach a bh' aig a mhòd ? agus ciod a bh' aca r'a radh
'na aghaidh, as leth an tighearn an rìgh ?
Sheas Farmad suas, agus thuirt e, "Le'r cead,'saithne
dhomh-s' an duine so o cheann ùine mhòr, agus mionn-
aichidh mi an làthair na cuideachd urramaich so, Gu
beil e," —
Breitheamh. Stad, cuir air a mhionnan e.
Mar so mhionnaich iad e. An sin thuirt e, " Ge
liobharra tlà an t-ainm a th' air, 'se duine is neo-
fhiachaile a tha n-ar tlr ; cha 'n eil sgoinn aig do dh'
uachdaran no shluagh, lagh no nòs : ach tha e deanamh
na dh' fhaodas e chum barailean mi-dhìleas a chuir an
ceann dhaoine, ris am beil e-fèin ag ràdh creideamh
agus naomhachd. Agus chuala mi e 'g radh aon uair,
gu'n robh an Creideamh Criosdail, agus gnà ar baile-
ne, Diomhanas, càlg-dhireach an aghaidh a chèile. Le>
leithid sin de chainnt, tha e dìteadh gach ni a tba sinn
a' deanamh, agus sinne cuideachd le 'n deanamh.
Breitheamh. An sin thuirt am breitheamh ris, Am
beil tuilleadh agad r'a ràdh ?
Farmad. Dh' fhaodainn mòran tuilleadh a ràdh,
ach cha mhiann leam èis a chur oirbh, ach ma bhios
feum air tuilleadh còmhdaich, 'nuair a chluinneas
sibh dearbhadh chàich, mar bi ni 's leòir 'na aghaidh
chum a chuir fodha, bheir mis' am barrachd fianais 'na

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence