Skip to main content

‹‹‹ prev (74) Page 64Page 64

(76) next ››› Page 66Page 66

(75) Page 65 -
TURAS a' CHRIOSDAIDH. 65
Dileas. An sin thainig e am aire ciod air bith a their-
eadh e, nach èisdinn ris, oir an uair a gheibheadh e
dhachaigh mi, gu'n reiceadh e mi mar thràill. Mar sin
dh'iarr mi air fuireach na thosd, agus nach rachainn am
fagus do dhorus a thaighe. An sin chàin e mi agus
thuirt e rium, Gu'n cuireadh e fear air mo thòir, a
chràidheadh a'm chridhe mi. 'Nuair a chuala mi sin,
thionndadh mi uaithe ; ach san àm sin mhothaich mi e
a' deanamh grèim air m'f heoil cho mòr 's gu'n do shaoil
mi gu'n tug e leis mi: Thug sin orm glaodhaich,
" Och ! is duine truagh mi !" San inntinn so thòisich
mi ri dìreadh a' bhruthaich. Rom. vii. 24.
'San uair a dhìrich mi mu leth an rathaid, chunnaic
mi fear luath siùbhlach a' teachd a' mo dheigh : agus
thainig e suas rium mu'n cheart àit' am beil an t-àite-
suidhe.
Criosdaìdh. 'S ann direach an sin, arsa Criosdaidh,
a shuidh mise sìos a ghabhail fois ; ach thug an cadal
thairis mi, agus chaill mi'n sgrìobhadh a bh'ann am
bhroilleach.
Dìleas. Na cuir casg air mo sheanachas, a dheagh
Chriosdaidh, oir co luath sa rug an duine orm, cha'
d'èisd e'n ath-fhacal, ach bhuail e mi, agus thuit mi
sìos an riochd mairbh. Ach 'nuair a thainig mi am
ionnsaidh fèin, thuirt mi ris, C'arson a bhuin e mar
sin rium ? A deir e' A chionn gu'n robh mi gu diomh-
air ag aomadh leis a' cheud Adhamh: agus leis sin a
ràdh, thug e buile mharbhtach eile dhomh anns an uchd,
agus thuit mi'n comhair mo chùil ; agus bha mi 'm
shìneadh aig a chasan mar bha mi roimhe. 'Nuair
thainig mi rithist am ionnsaidh fèin, ghuidh mi air
tròcair a dheònachadh dhomh. Ach thuirt e rium, cha'n
aithne dhomh c'arson a dheònaichinn tròcair dhut: agus
bhuail e rìthist mi. Chuireadh e gun teagamh crìoch
orm, mar tigeadh fear seachad a thuirt ris sgur.
Criosdaiah. Co thuirt ris sgur?
Dìleas. Cha d'aithnich mi'n toiseach e ; ach air dha
bhi dol seachad, thug mi fainear na tuill a bh' air a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence