Skip to main content

‹‹‹ prev (72) Page 62Page 62

(74) next ››› Page 64Page 64

(73) Page 63 -
turas a' chriosdaidh. 63
Criosdaidh Q Bha dòchas math agam as, 'nuair a dh
f halbh mis' a mach ; ach 's eagal leam gu'n caillear e nis'
ann an lè'ir-sgrios a' bhaile. Oir thachair dha a rèir an
t-sean-f hacai] : " Phill am madadh r'a sgeth, agus a
mhuc cnaidh nigheadh, chum a h-eabradh san làth-
aicn." 2 Pead. ii. 22.
Dìleas. Tha eagal sin ormsa cuideachd ; ach cò 's
urrainn a leasachadh ?
Criosdaidh. A nis' a choimhearsnaich Dhìleis, arsa
Criosdaidh, leigeamaid dhinn a bhi labhairt uime-san,
agus labhramaid mu na nithe a bhuineas duinn fè"in.
Innis a nis' domh ciod a thachair dhut an gabhail an
rathaid ; oir tha fios agam gur iomadh ni a dh'èirich
dhut, no 's iongantach e.
Dìleas. Sheachainn mi 'n sloc san do thuit thusa,
agus ràinig mi 'm bealach gun a bheag a dh' èiridh
dhomh ; ach a mhàin gu'n do thachair tè orm gam b'ainm
Togarracb, a bha coltach ri cron a dheanamh orm.
Criosdaidh. Bu mhath gu'n do sheachain thu a lion :
Bha Ioseph an droch staid leatha, agus thàr e uaipe
mar rinn thusa : ach 's beag a bha eadar e 'sa bheatha
a chall. Ach ciod a rinn i riutsa? Gen. xxxix. 11,
12, 13.
Dìleas. Cha'n urrainn dut a smuainteachadh na thug
i de chuireadh dhomh ; bha i gealltainn gach sòlas domh
na'n aontaichinn leatha.
Criosdaidh. Cha do gheall i dhut sòlas deagh-chogais.
Dìleas. Tha fios agad gur h-e bha mi ciallachadh,
gach sòlas feòlmhor agus saoghalta.
Criosdaidh. Buidheachas do Dhia gu'n do sheachainn
thu i : An tì is fuathach leis an Tighearna gèillidh e
dh'i. Gnàth. xxii. 14.
Dìleas. Cha'n aithne dhotnh an do sheachainn mi gu
h-iomlan i, no nach do sheachainn.
Criosdaidh. Tha dòchas agam nach d'aontaich thu
le miann ?
Dìleas. Cha d' aontaich, chum mi-fèin a thruailleadh,
oir chùimhnich mi air sean-f hacal a chuala mi, a thuirf

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence