Skip to main content

‹‹‹ prev (70) Page 60Page 60

(72) next ››› Page 62Page 62

(71) Page 61 -
TLRAS A' CHRIOSDAIDH. 61
e gu uchdan beag a chaidh a thogail chum gu'm faiceadh
an luchd-turais sealladh rompa : Chaidh Criosdaidh
suas air, agus sùil ga'n tug e, chunnaic e Dìleas roimhe.
An sin ghlaodh Criosdaidh gu h-àrd, " O ! co so tha
romham ? Stad, agusbithidh mis' am chòmpanach agad."
Sheall Dìleas air ais, agus thuirt Criosdaidh ris a rithist.
" Fuirich, fuirich, gus am bi mi agad ;" ach fhreagair
Dìleas, " Cha'n fhuirich : tha mi teicheadh air son
m'anama, agus tha fear-dioghlaidh na fala an tòir orm."
Leis a so, bha mi-ghean air Criosdaidh, agus dh'
fhalbh e le uile neart, gus an deach e seachad air Dìleas;
mar so bha toiseach aig an fhear a bh' air dheireadh.
An sin rinn Criosdaidh gàìre fanaid, a choinn gu'u
robh e nis' air thoiseach ; ach le cion faicill f huair e
tuisleadh leis an do thuit e, agus cha b'urrainn da
èiridh gus an d'rinn Dìleas còmhnadh ris.
An sin chunnaic mi a'm' aisling gu'n d'imich iad gu
caidreach air an aghaidh, a' labhairt mu gach ni a
thachair dhaibh air an turas ; agus mar so thòisich
Criosdaidh.
Criosdaidh. A bhràthair ionmhuinn agus urramaich,
a Dhìleis, 'S math leam gu'n d'rug mi ort, agus gu'n
tug Dia dhuinn a bhi dh' aon rùn, gu'm faod sinn
siubhal maille r'a chèile air an t-slighe thaitneich so.
Dìleas. A charaid ghràdhaich, bha dùil agam gu'm
bitheadh tu leam an àm dhomh bhi triall o'n bhaile, ach
bha thu air thoiseach orm: Uime sin b'eigin domh
teachd an f had so a'm' aonar.
Criosdaidh. Cia f had sa dh'f huirich thu am dhèigh- s'
ann am Baile-lèir-sgrios mu'n d' fhalbh thu air do
thuras ?
Dìleas. Gus nach b'urrainn domh fuireach ni
b'f haide ; oir bha e 'na làn-naigheachd an deigh dhutsa
falbh, gum biodh am bail' againn an ùine ghearr air a'
losgadh le teine bho nèimh.
Criosdaidh. Ane! gu'n do ]abhair do choimhears-
naich mar sin?

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence