Skip to main content

‹‹‹ prev (68) Page 58Page 58

(70) next ››› Page 60Page 60

(69) Page 59 -
TURAS a' ciiriosdaidh. 59
'San treas àite, Do bhrì, na'm b'urrainn e teachd suas
riu, gu'm biodh an ùine ghearr cuideachd aige.
Anns a' bheachd so shiubhail e air aghaidh, agus
ghlaodh e ris an f hear a bh'air thoiseach air : ach cha
robh fios aige-san ciod a fhreagradh e ; oir bha e'm
barail gu'n robh e leis fe'in mar an ceudna. Ach tamull
an deigh sin shoilleirich an lath : An sin thuirt Criosd-
aidh, " Thionndaidh e sgàil' a' bhàis gu madainn."
Amos v. 8.
Air do'n latha bhi nis air teachd, dh'amhairc e 'na
dhèigh, cha'n ann le rùn pilleadh, ach a dh'faicinn nan
cunnart as an tàinig e am feadh a dh'imich e san
dorchadas ; mar so chunnaic e ni bu shoilleire an sloc
a bh'air an darna làimh, agus am boglach a bh'air an
làimh eile ; agus cho cumhann sa bha 'n t-slighe eatorra ;
chunnaic e fòs na fuathan, na fiadh-dhaoine, agus
ua-bheistean an t-sluic, ach bha iad uile fada uaithe ;
oir cha do chuir iad dragh air an deigh do'n latha
teachd ; ach chunnaic e iad a rèir mar tha e sgrìobhta,
" Taisbeanaidh e nithe doimhne à dorchadas, agus bheir
e sgàil a' bhàis gu solus." Iob xii. 22.
A nis bha aiteas air Criosdaidh a chionn gu'n do
shaoradh e o gach cunnart san t-slighe ùdlaidh dhorcha
sin ; oir ged bha eagal air as na cunnartan a bha roimhe
cha robh trian air de na bhitheadh air na'm faiceadh e
gu soilieir iad : dh'èirich a nis a' ghrian air, agus bha e
'na thoileachas mòr ieis. Thoir fainear ged a bha cheud
chuid de Ghleann-sgàil'-a'bhàis cunnartach, gu'n robh
na bha aige ri dol troimhe fathast, nam bu chomasach e,
ni bu ro-chunnartaiche. Oir o'n àite sa'n robh e nise 'na
sheasamh gu ceann eile a' ghlinne, bha'n t-slighe air a
h-iom-dhruideadh le ribean le ceapan-tuislidh, agus le
liontan, làn do shlocan, do bheòil-fo-fhraoch, do thuill-
dhomhain, agus do sgrìodain, air chor 's' nam b'e'n
dorch a bhiodh ann, mar bha e aige an toiseach a
ghlinne, 's gann a dh'f haodadh e gu'n bhi air a chall
annta: ach mar thuirt mi, bha ghrian air e"iridh. An
sin thuirt e, " Thug e air a choinneil dealrachadh air

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence