Skip to main content

‹‹‹ prev (66) Page 56Page 56

(68) next ››› Page 58Page 58

(67) Page 57 -
TURAS A CHRIOSDAIDH. oj
Chunnaic mi 'n sin am aisling, gu'n robh sloc domh-
ain air taobh deas na slighe, gu ceann eile a' ghlinne :
'S e *n sloc so anns an do threòraich na doill iadsan a
bhadall anns gach linn, agus far an do chailleadh araon
iad. Agus air an làimh chlì, bha boglach cunnartach,
agus n'an tuiteadh eadhon duine math fèin ann, cha'n
fhaigheadh e ann ionad air an seasadh e. Sa' bhoglach
so, thuit rìgh Daibhidh aon uair, agus bhiodh e air a
chall ann, mur spìonadh e-san a tha comasach a mach e.
Bha'n cas-cheum an so anabharra cumhann, uime sin
bha deagh Chriosdaidh na eigin : oir'nuair a bhaefeuch-
ainn anns an dorchan sloc a sheachnadh air an darna
làimh, bha e'n cunnart tuiteam san làthaich air an
làimh eile : 's am feadh a bha e seachnadh na làthaich,
bha e 'n cunnart tuiteam san t-sloc air an taobh eile.
Mar so chaidh e air aghaidh, agus chuala mi e 'g osnaich
gu goirt : oir a bharr air a chunnart a dh'ainmich mi,
bha 'm frith-rathad cho dorcha 's nach bu lèir dha c'àit
an cuireadh e chas.
Mu thimchioll letha' ghlinne, mhothaich mi gur ann
a bha dorus ifrinn, agus bha e fagus do'n t-slighe. A
nis, arsa Criosdaidh, ciod a ni mi ? agus bha'n lasair
agus an toit a' sìor bhrùchdadh a mach as gu pailt, le
drileannaibh agus le fuaim uabhasach, (nithe air nach
drùigheadh claidheamh Chriosdaidh, mar. rinn e air
Apolion) s' gu'm b'eigin da a chlaidheamh a chur 'na
truaill; agus beirsinn air airm eil do'm b'ainm ùrnaigh
chum e fein a dhion: Mar so ghlaodh e ann am èisd-
eachd, O Thighearna, guidheam ort saor m' anam. (Salm
cxvi. 3.) Air an doigh so dh'imich e uidhe mhòr, ach
bha'n lasair a' dlùthachad air : chual e fòs glaodhaich
chràiteach, agus sgreadail oillteil, ionnan 's gun robh
eagal air gun reubt' as a chèil e, no gu'n saltairte fo na
casan e mar chlabar na sràide. Bha 'n sealladh eagal-
ach agus am fuaim uabhasach ud 'na fhradharc agus
'na e'isdeachd fad iomadh mìle ; agus air leis gu'n cual
è cuideachd do dhroch spioradaibh a' teachd 'na chò'-
dhail, sheas e, agus smuainich e ciod a b'fhearr dha 8

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence