Skip to main content

‹‹‹ prev (64) Page 54Page 54

(66) next ››› Page 56Page 56

(65) Page 55 -
TURAS A CHRIOSDAIDH. OÒ
aidh, bheir mi an so buidheachas dha-san a shaor mi o
bheul an leòghainn, agus dhasan a rinn mo chòmhnadh
an aghaidh Apolion, Ag ràdh : —
" Chuir Beelsebub, triath an uilc,
D'am ionnsaidh fear gun bhuaidh.
Gu'm hodairt, a's gu'm shàrachadn,
Làn armaichte gu'm thruaigh :
Ach rinn Michael còmhnadh leam,
A's chuir mi'n ruaig, tre ghràs,
Air Apolion iuilteach ud ;
'S do Dhia bi'dh glòir gu bràth."
An sin thainig da ionnsaidh làmh le cuid do dhuill-
each craoibh na beatha, agus chuir Crìosdaidh iad ris na
creuchdan a f huair e sa' chath, agus leighiseadh air ball
iad. Shuidh e mar an ceudna sìos san àite sin a dh'
itheadh arain, agus a dh'ol as an t-searraig a thugadh
dha roimhe sin ; agus air dha aineal a leagail, agus a
bhi air a bheòthachadh, dh' imich e air a thuras, le
chlaidheamh ruisgte 'na làimh ; oirthuirte, Cha'u fhios
domh nach 'eil nàmhaid eile dlù dhomh. Ach cha tug
Apolion aon ionnsaidh tuilleadh air fad a' ghlinne.
Bha aig ceann a' ghlinne so, gleann eile, ris an abrar,
Gleann-sgàil'-a'-bhàis : agus b'eigin do Chrìosdaidh dol
troimhe, a chionn gur ann tre mheadhon a bha 'n t-
slighe chum a' bhaile nèamhaidh. A nise bha 'n gleann
so ro-uaigneach. Tha'm fàidh Ieremiah ag ràdhuime,
Gum beil e 'na f hàsach, 'na f hearann fàsail, làn shloc,
fearann tairt agus sgàile bàis, fearann nach d'imich aon
duine ach Crìosdaidh troimhe, agus far nach do ghabh
duine riamh còmhnaidh. Ier. ii. 6.
An so bha Crìosdaidh air a chuir thuige ni bu ghoirte
na bha e sa' chath le Apolion : mar chluinneas sibh an
ùine ghearr.
Chunnaic mi am aisling, 'nuair a rainig Criosdaidh
crìochan Sgàil-a-Bhàis, gun do thachair air dithis
dhaoine, de chlonn na h-aiteam a thug droch cliù air an
deagh f hearann, a' deanamh cabhag gu dol air an ais ;
agus labhair Crìosdaidh rin air a mhodh so.
Criosdaidh. C'ait' a tha sibh a' dol ?

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence