Skip to main content

‹‹‹ prev (55) Page 45Page 45

(57) next ››› Page 47Page 47

(56) Page 46 -
16 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
Seirc. Ach nach tug do dhroch caithe-beatha fèin
orra gu'n sùim a bhi aca do na thuirt thu riu mu thim-
chioll dol leat'?
Criosdaidh. Cha'n urrainn mi gu'n teagamh, mo
chaithe-beatha fè"in a mholadh, oir tha mi fiosrach air
iomadh f àillinn : tha fios agam cuideachd, gu'm feud
duine le ghnàthachadh gach ìmpidh a b'àill ieis a chuir
air daoine a dheanamh neo-tharbhach. Ach 's urrainn
mi so a ràdh, gu'n robh mi air m'f haicill gu'n cheann-
fàth air bith a thoirt daibh, o mhi-ghnàthachadh do 'm
thaobh fè"in, gu'n deanamh fuathach air teachd leam,
agus 's minig a thuirt iad rium gu'n robh mi tuilleadh 's
cruaidh orm fe*in, (air an son-sa) mu nithibh, air leo,
anns nach robh coire ; agus faodaidh mi a ràdh, ma
bhac na chunnaic iad mis' a' deanamh iad, gu'm b' e
m'eagal roimh pheacachadh an aghaidh Dhe*, no cron a
dheanamh do m' choimhearsnach, bu choireach rium.
Seirc. Thug Cain fuath da bhràthair air son gu'n robh
oibre fdin olc, agus a bhràthar math; agus ma ghabh do
bheau agus do chlann mì-thlachd riut a thaobh so, tha
iad a nochdadh gur fuathach leo am math ; ach tha
thusa saor o'm fuil.
A nis, chunnaic mi am' aisling, gu'n do shuidh iad
mar so a' còmhradh r'a chèile gus an robh 'n t-suipeir
rèidh. 'San uair a bha i na h-uidheam shuidh iad sìos
da h-ionnsaidh ; a nise bha 'm bòrd air a chùibhrigeadh
le nithibh reamhra, agus le fion air a dheagh-tharrainn,
agus bha'n cainnt uile mu Thriath na tìre : gu h-àraidh
mu na rinn e, agus mu c'arson a rinn se e; agus c'arson
a thog e 'n taigh sin : agus leis na thuirt iad, thuig mi
gu'n robh e na ghaisgeach treun, gu'n do chuir e as
dhàsan aig an robh cumhachd a' bhàis, ach cha b' ann
gun chunnart da fèin, ni a thug orm an tuille gràidh a
thoirt da. Eabh. ii. 14, 15.
Oir, arsa Criosdaidh, mar thuirt iad, agus mar is
math a chreideas mi, gur ann le mòran ciorraim a rinn
se e ; ach gur e a cbuir an t-àgh bu mhò air na rinn e,
gur ann air son gaoil da thìr a rinn e'n t-iomlan. Os-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence