Skip to main content

‹‹‹ prev (379) Page 359Page 359

(381) next ››› Page 361Page 361

(380) Page 360 -
360 Comhradh Diadhaidh
a dhol amach as a 1 chorp so, agus amach as an t-saoghal
so ; oir is beannaichte d'imrich, is beannaichte d'ath-
arrachadh ; ach abair mar thuirt aon roimhe aig uair a
bhàis, ' Tha mi nis aoibhneach, lèumaidh mi le aoibh-
neas ; oir thàinig m'uair, an uair air am faic mi
Iehobhah uile-chumhachdach aghaidh ri aghaidh;
roimhe so chunnaic mi le tlachd a mhòrachd ann an
obair a làmhan, mhol mi a mhaitheas, dh'iarr 'us mhiann-
aich mi è gu dian tre chreidimh, agus anis bithidh mi
maille ris ann an glòir !'
" Nach iongantach fòs iomadh obair an fhreasdail !
Cia taitneach an Dia mòr 'fhaicinn a' gabhail cùraim
de na naoimh — beagan chrèutairean iriosal — luchd-
hrnuigh air an cur suarach leis an t-saoghal, ach air an
teàrnadh agus air an àrdachadh le Dia ! Nach taitneach
dhomh cuimhneachadh air na tròcairean milis, mais-
each, kraid a nochd è dhomh-fèin ann an cuairt mo
bheatha ! Nach trie a dh'èisd è ri m'urnuigh, a chruinn-
ich è mo dheòir, agus a dh'fhuasgail è m'anam o
thrioblaid ! Nach trie a thubhairt mo Thighearn rium,
' Biodh deadh mhisneachd agad !' Nach mòr an neart
dhomh gach fiosrachadh dhiubh sin, nach soilleir gach
dearbhadh dhiubh sin air gràdh m'Athar, do mo chridhe
fiamhaidh, mi-chreideach ! Ach ! cia beannaichte an
la sin air am faigh mi gach uile thròcair, tròcair ìomlan
agus làn mhealtuinn Uhè na tròcair ! Air an là sin
seasaidh mi air an tràigh mhòir, a' sealltuinn air m'ais
air na fairgibh iiadhaich, atmhor, buaireasach tre 'n
tàinig mi gu sàbhailt ; air an là sin seallaidh mi air m'ais
air gach pian 'us bròn, air gach eagal 'us dèur, 'us mi
nis a' mealtuinn na gloire sin 'bu chrioch dhoibh sid uile !
na'n robh aon bhoinne de chreidimh beò agam maille
ris na smuaintibh sin, cia nèamhaidh an cridhe 'bbith-
eadh agam 's an taobh-stigh dhiom ! Ach is miannach
learn a ràdh, ' A ta mi 'creidsinn, a Thighearna ; cuidich
thusa le mo mhi-chreidimh.'
" Cia mihs, m'anam, òrduighean an t-soisgeil dhuit !
Nach bu taitneach ùrnuigh, moladh agus searmonach-
adh nèamhaidh, agus cuideachd nan naomh dhuit, a'
faicinn an ' Tighearn' a' cur ris an eaglais an dream a
thèaruinear !' Ach cha n-urrainn mo chridhe nis
1'*

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence