Skip to main content

‹‹‹ prev (314) Page 294Page 294

(316) next ››› Page 296Page 296

(315) Page 295 -
agus Ullachadh air a shon. 295
le 'làimh, bu neo-ni an obair sin ìnnte-fèin ann an
coimeas ris an dleasanas so. Abair gu'n robh thu nis
a' dol a ghleacadh mar a rinn Iacob, no 'dh-faicinn an
t-seallaidh a chunnaic an triùir dheisciobnl air " bèinn
a' chruth-atharrachaidh," nach stòlda, durachdach, ur-
ramach a ghluaiseadh agus a shealladh tu ! Na'n robh
eadhon aingeal o nèamh gu do choinneachadh ann an
kit agus air uair do mbeòrachaidh, cia mòr am fiamh
leis am bitheadh tu air do lionadh ! Smuainich, matà.
cia stòlda. dùrachdach am fònn cridhe leis an tig dhuit
an Tighearn fèin a choinneachadh, agus cia mòr an
stòldachd, an durachd agus am fiamh leis an tig dhuit
labbairt ris gach là ! Smuainich f òs air deadh thoradh
na h-oibre so. Ma shoirbhicheas i leat, agus carson
nach soirbhicheadh ì leat-sa cho maith ri neach eile ?
bheir ì 'stigh 'an làthair Dhe thu, tòisicbidh ì do ghlòir
sìorruidh air tbalamh, bheir ì dhuit a bhi beò arm an
staid na's àirde agus na's taitnicbe na muinntir eile,
àrdaichidh ì thu gus an ath chèum do onoir nan aingeal
fèin, agus bithidh tu beò 'us gheibh tliu bàs le aoibhneas.
Is mòr do dhuais, uime sin bitheadh d'ullachadh arèir
do dhuais. Cha n-'eil idir beatha cho beannaichte
agus cho aoibhneach aig neach air thalamh 's a gheibh-
ear aca-san a ta eòlach air a' chonaltradh nèamhaidh so.
Cha n-'eil aoibhneas nan uile dhaoin' eile, ach mar
chluith na cloinne bige, mar ghàire nan amadan, no
mar bhruadar an duine thìnn mu shlàint. Ge-b'-e
neach a dh-oibricheas airson nèimh, sin amhàin an
neach a bhuannaicheas. Agus ge-b'-e neach a dhear-
madas nèamh, sin amhàin an neach a chailleas. Cia
trie, dìan, dùrachdach, matà, is còir do'n obair nèamh-
aidh sin a bhi air a deanamh leis gach Criosduidh !
Caibdeil XIV.
Mar niihear Meorachadh Nèamhaidh le Smuaineachadh,
leis na h-Aignidhean, le Fèin-labhairt, agus Ur-
nuigh. — (Faio Caib. XVI.)
Air dhuit do chridhe 'fhaotuinn air a ghleusadh,
tòisicheamaid anis air a' cheòl. Air dhuit càil 'fhaot-
uinn thig anis a dh-ionnsuidh na cuilm', agus ' sàsaich

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence