Skip to main content

‹‹‹ prev (308) Page 288Page 288

(310) next ››› Page 290Page 290

(309) Page 289 -
agus Ullacliadh air a shon. 289
an t-òran, agus cia naomh am beaunachadh leis an do
chriochnaich Maois cuairt a bheatha air an talamh !
Nach bu nèamhaidh a' chomhairle agus an ùrnuigh a
fliuair na deisciobuil o'n Tighearn, 'nuair a bha è 'dol
a dhealachadh riutha ! Kuair a 'bha Pòl anis gu bhi
air 'iobradh,' nach bu nèamhaicìh a' chomhairle agus
an earail a thug è do na Philipianaich, do Thimoteus,
agus do sheanairibh Ephesuis ! Nach b'fhagus air
nèamh Eòin ann an eilean Phatmois, goirid mu'n robh
è air a thogail suas ! Is è fònn coitchionn nan naomh a
bhi na's nèamhaidh, air an uair sin a's fhaisge iad air
nèamh.
Ma chi thus', a lèughadair, uair do bhàis a' teachd
dliith dhuit, càit an tigeadh dhuit do chridhe
'shuidheachadh 's an uair sin, ach air Criosd ? Nach
bu choir dhuit 'fhaicinn 'n a sheasamh ri d'thaobh
agus labhairt ris, 'g a fhàilteachadh mar d'Athair, do
Chompanach, do Leigh, do Charaid ? Nach bu choir
dhuit, mar gu'm b'eadh, na h-ainglean 'fhaicinn 'g ad'
chuairteachadh, agus a' feitheamh chum an t-seirbhis
mu-dheireadh a dheanamh airson d'anama, eadhon na
h-ainglean sin a ghitilain le taitneas anam Lasuruis
ft gu uchd Abrahaim," is taitneach an obair leo thus' a
thoirt a dh-ionnsuidh na h-onoire sin. Amhairc air
do thinneas agus air do phian mar dh'amhairc Iacob
air carbadaibh Iòseiph. agus ath-bheothaicheadh do
spiorad 's an taobh-stigh dhiot, agus abair " Is leòr e,
tha" Criosd " fathast beò ;" agus " do bhrigh gu'm bheil
esan beò bithidh mise beò mar an ceudna !" Eò. 14.
19. Am bheil feum agad air an deoch-ùrachaidh a's
feàrr ? An sin gheibh thu deoch shòlais a's feàrr na's
urrainn an saoghal a thabhairt ; an sin gheibh thu Ian
aoibhneas nèimh, chi thu Dia agus Criosd, agus gheibh
thu uile shonas nan daoine beannaichte. Tha na
beannachdan milis sin air an tairgse dhuit le làimh
Chriosd, dh'ullaich è air nèamh ìad, sgrìobh h coir
dhuit orra ann an gcallaidhean an t-soisgeil ; amhàin
sin am ach làmh a'chreidimh, agus glac iad, agus
beathaich d'anam orra ; dean gàirdeachas agus mair
beò. Tha'n Tighearn ag ràdh riùt, mar thuirt è ri
Eliah, " Eirich, ith ; oir tha 'n turus mòr air do shon."
Kb

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence